Skip to main content

‹‹‹ prev (16)

(18) next ›››

(17)
AIR A THURUS GU lORDAN.
XXIV.
Ach riamh tre chreidimh ghluaiseadh leis,
Gii seasmhach, snaimhneach, dian :
Gu faicilleach, neo-bhruaidleanach
'S gach smnain, is guth, is gnìomh.
Gu h-uaigneach, is gu foUaiseach,
Bha chomunn-san ri Dia ;
B' e gràdh is tlachd a phobuill e
'S b' iad slaugh a chomuinn riamh.
XXV.
Cha d' leig a riamh à 'shealladh e,
Gu 'm b' choigreach is fear-cuairt,
Mar 'aithrichibh — air thalamh e,
'S gu 'n robh a dhachaidh shuas ;
A là gu 'n robh a' teireachduin,
'S a' giorrachadh gach uair ;
'S gu 'm buineadh dha bhi 'g ulluchadh
Air son a dhachaidh bhuain.
XXVI.
Ged thugadh làithean lìanmhor' dha
— Cùig-fìchead bliadhn', ach cùig —
Eè fad nan là 's nam bliadhn ud,
Cha d'fhàihiich riamh a threòir.
Is mar bha àm an dealachaidh,
A' tarruing faisg 'n a chòir,
Bha 'n t-anam, teann, ag abuchadh,
'S fo f hadachd, gu bhi 'n glòir.
XXVII.
'S e 'n Tighearn chuir an comain air,
O choinnich ris e 'n tùs ;
A chum a riamh gach comas ris,
'S gu fallain ghlèidh a chliù ;
A chum gu slàn a sholus ris,
Mar choinneil dhealraich ùr :
'S aig àm toirt suas na h-anail leis
Bu choinneal sud gun smùid.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence