Skip to main content

‹‹‹ prev (13)

(15) next ›››

(14)
O UAILL ANN AN CRANN-CEUSAIDH CHRIOSD.
air uairibh a ciallachadh fulangais a phobuill air a
sgatli-san, agus air uairibh eile fulangais Chriosd
air an son-san. Mar is e an seadli mu dlieireadh
seadh sonruichte agus ro nadurra nam briatbran,
tha aobbar a bhi codhunadh gur h-e sin an seadh a
tli'aig an Abstol 's an ambarc. Is e so seadh nam
briathran anns an dara rann deug de'n chaibidil
so, a tha labhairt mu gheurleaumhuinn airson crann-
ceusaidh Chriosd, sin ri radh — airson teagasg a
chroinn-cheusaidh. Os barr, — tha e dearbhta nach iad
ar fulangais fliein, ach fulangais Chriosd anns ambheil
sinn gu h-àraidh ri uaill a dheanadh tliar gach ni eile.
Cha'n iad ar fulangais fliein ach fulangais Chriosd
a bheii' caitheamh-as air ar truaillidheachd ; agus a
cheusas an saoghal dhuinne, agus sinne do'nt-saoghal.
Tha crann-ceusaidh Chriosd anns an rann so a
ciallachadh, cha n e 'bhas amhain, ach an t-iomlan
d'a irioslachadh, no an t-iomlan de fhulangais a
bheatha agus a bhais a bhi air an lan-choimhlionadh
ann am fulangais a chroinn-cheusaidh. Tha an
t- Abstol an so agus an aitibh eile ag ainmeachadh
a chroinn-cheusaidh gu bhi eur 'n ar cuimhne modh
a bhais, agus gu bhi neartachadh 'n ar n-inntinnean
na druighidhean a rinn fern irioslachd a bhais ud
oirn, no bu choir dha dheanadh oirn. Gu'm fuiling-
eadh ughdar na saorsa, bas traill — gu'm fuilingeadh
tobar gach ui-ram, doimhneach gach maslaidh ; gu'm
biodh am peanas a b'abhaist a bhi air a dheanadh
air na peacaich a bu dimeasaiche, airson na droch-
bheart a b'antromaichte, air a leagadh air an neach
a b'urramaiche d'am bu chomas fulang ; — Is e so
an cuspair anns an robh an t-Abstol a deanadh uailL

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence