Skip to main content

‹‹‹ prev (381)

(383) next ›››

(382)
340 TUILLEADII DHUILLEAG
An imir a tliill Beatrais 'us a' Bhan-diùc bho 'n sràid ri
taobh na mara chaidh mi a' shealltuinn uaigh an Ridire
Uilleam Dùghlas cha mhor nach eil na preasan a' folach
na lice-lighe shios air taobh beòil an tighe. Chaidh Blàr
Dunbar a chur air an treas latha de mhìos meadhoin an
Fhoghair, 1650, goirid bho Broxmouth, Tha 'n Ridire
Walter Scott ag ràdh gu 'n robh an càmp aig Cromwell
anns a phàirce ; ach tha ag aig feadhain 's a chùis sin
oir tha iad a' ràdh gur a th' ann air taobh tuath Brox-
burn a chuireadh am Blàr. Bha 'n càmp aig Leslie air
a chnoc àrd ris an abrar an Dùn a chitear gu soilleir
fad mhiltean mu 'n cuairt. An uair a dh' fhàg an t-arm
Albannach an t-àite h\idir anns an robh iad air a' chnoc,
thàinig iad a dh' ionnsuidh an talamh iosail a tha goirid
bho bhalla na pàirce. Tha iad a' ràdh gur ann air a'
chnoc air am bheil an tùr a nise air a thogail anns a'
phàirce a sheas Cromwell, agus leis a sin f èumaidh gu 'n
robh am Blàr air a chur goirid bho chadh'-chliath na
pàirce a th' ann an dràsda. Chuir mise craobh an deigh
sin 'an làthair an Diùc agus na Ban-diùc.
Chaidh sinn a stigh goirid bho aon i^air, an deigh ar
tràth-nòin chunnaic mi Siùsaidh Suttie agus an dithis
chloinne is òige a th' aic, tha Victoria aona-bliadhn'-
deug agus an gille beag naoi bliadhna. Thainig an
deigh sin Morair agus Ban-mhorair Bowmont le 'n dithis
chloinne chiataich Mairearad trì bliadhna agus Victoria
naoi miosan. Cha d' thàinig an leanabh gille aca leòtha.
Dh' fhalbh mi aig leth-uair an deigh trì an carbad
naii ceithir each, agus chaidh Beatrais, Leopold, agus a'
Ijhan-diùc leam ann. Cliaidli an Diùc, Ban-mhorair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence