Skip to main content

‹‹‹ prev (380)

(382) next ›››

(381)
BHO m' leabhar-latiia. 339
Bheatrais dealbh an Tighadhlacaidh againn agus e air a
dhealtradh gu finealta, agus bànn airgid air son a crios
a dh' obair Montenegrin. An dèigh air tràth-maidne
thug mi bocsa bhriosgaidean airgid do 'n Blirùnach agus
putain onyx air son a lèine. Bha e ro thoiHchte leis a'
bhocsa agus thuirt e 's na deòir na shùilean, " Tha so
tuileadh 's a' chòir." Tha fios aig Dia nach 'eil e tuill-
eadh 's a chòir air son aon cho dìleas anns gach seòl
agus cho frithealtach. Thug mi cuid de na nithean
beaga a cheannaich mi 'an Dunbar, do na mnathan
frithealaidh agam ; thug mi gibhtean do Shìne Ely,
do na daoin'-uaisle, agus do na seirbhisich, gu 'bhi nan
cuimhneachan air an latha phriseal so agus air an àite
anns am bheil sinn.
Chaidh mi mach a' ghabhail sràid le Beatrais 'us leis
a' Bhan-diùc aig leth-uair an dèigh deich, chaidli sinn a
shealltuinn air a' ghàradh-chàil bhreagha agus air na
tighean teth agus gu dearbh tha dearcan-fiona fior
chiatach a' fàs annta, agus raeasan fìnealta eile. Chois-
ich sinn a rithist bho so a dli' ionnsuidh na mara agus
chaidli Eex an cù-chaorach laghach aig a' Bhan-diùc
leinn. 'S e 's lugha na Noble agus tha ceann breagha
air. Chunnaic sinn an " Lord Warden " thàinig i 'n so
an de bho Spithead far am faca sinn i am measg nan
hiingis-chogaidh eile 's e Freemantle a tha na sgiobair
oirre. B' i 'n long gheàrrd an uiridh i.
Tha sealladh grinn ri fhaicinn bho 'n rathad so a dh'
ionnsuidh na mara tha lochan beag 'us badain choille
ann agus chithear Dunbar air falbh a null uainn.
Shuidh mise a mach greis a' sgrìoljhadh anns a' ghàradh
I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence