Skip to main content

‹‹‹ prev (359)

(361) next ›››

(360)
318 TUILLEADH DHUILLEAG
sinn deadh shealladh air Beinn Slioch. 'S e àllt gle
bhras a tha 'n so, agus craobhan breagha giubhais mu 'n
cuairt dhe, agus gleann àillidh a ruith suas ris an deas.
Bho Cheann - Loch - lù thionndaidh sinn suas ris an
làimh dheis ri taobh abhuinn Gharraidh 's na beanntan
a tighinn 's an fhradharc aon an dèigh aon, na 'm niill
mhòra àrda. Chaidh sinn seachad ris an làmh chli air
lochan beag bòidheach ris an abrar Loch Clàr tha e
'ruith a null 'an gleann coillteach agus ri iochdar
stùchdan àrda. Tha tigh-seilg aig an Eidire Ivor
Guest ann an sin agus chunnaic sinn tigh beag shuas
anns a' choille.
Goirid an dèigh so dh' fhosgail sinn gleann breagha
Thoirreasdan a tha cho uamhasach fhiadhaich agus
ballachan dorcha na 'n creag aig a bheinn mhoir ris an
abair iad an Liaruch. 'S mur an t-ioghnadh a chuir i
oirnn na 'r dol seachad ri h-iochdar. Ged nach 'eil mon-
aidhean fior àrd an so ach Beinn Slioch fhèin anns am
bheil 3216 de throidhean tha 'n caisead a toirt orra
sealltuinn nis àirde na an fheadhain againne 'an siorr-
amachd Abareadhain, agus cha 'n 'eil an dùthaich
fhèin dad 's ceud troigh os cionn na fairgc an so agus
tha Baile-JMhnireil ochd ceud troidh nis àirde na mhuir.
Tha na sleibhtean mu 'n cuairt do Loch Maruidlie 'us do
'n ghleann so agus anns a' choimhearsnachd gu leir cho
sgorrach agus cho creagach. Tha Beinn Liaruch a
sealltuinn cho neònach leis cho dorcha 's a tha i agus na
creagan uamhasach ag eirigh ri h-aghaidh mar gu 'm
biodli barra-Iihallaclian gearasdaiu anu suas os ciouu
a cheile — anabarrach neònach gu dearbh ; tha 'n gleann

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence