Skip to main content

‹‹‹ prev (358)

(360) next ›››

(359)
BIIO M LEABHAR-LATHA. 31'
Dimthurna, an còigeamh latha deug i
mhìos meadhoin an Fhoghair.
Blia maduiun bhreagha ann, Fhuair mi deadh oidh-
che cadail agus dh' èirich mi tràth. Tha plàigh na dun-
ach de choinn-speachainn an so. B' fheudar dhuinn èud-
ach tana a thairneachadh ri taobh a stigh nan uinneag
'g an cumail bho thighinn a' stigh an uair a bhiodh na
h-uinneagan fosgailte agus tha an t-side cho blàth 's gu
'm fèum iad a bhi fosgailte gu math tric. B' fheudar
dhòmhsa eideadh tanna a chur a rithist orm le teas na
h-aimsir. Bha mi eadar dhà chomhairle niu dhèighinn
c' àite an rachainn an diugh ach bha iad uile ag ràdh
gu 'n robh Toirreasdan cho bhreagha 's gun d' rinn mi
suas m' inntinn gu dol ann. Bha fras uisge gu math
tròm ann mu 'n d' fhàg sinn an tigh, agus thug mise
greis air tarruing dhealbh agus a cur dhaithean orra.
Thog sinn oirnn aig leth-uair an dèigh dà-uair-dheug,
ann an carbad fosgailte, bha Beatrais còmhladh rium
agus a' Bhan-diùc — a tha air a togail leis gach àite a tha
i 'faicinn — bha Seanalair Ponsonby 'us am Brùnach na
'n suidhe air toiseach a' charbaid. Bha 'n latha breagha ;
cha robh againn thar dhà na thri fhrasan uisge agus
cha do mhair iad ach beagan mhionaidean. Ghabh sinn
air adhart gu Ceann-Loch-Iù agus dh' atharruich sinn
eich ann an sin, agus gu dearbh bu bhreagha a phaidhir
bhuidhe a bh' againn. Bha a' ghrian a' dearsadh cho
àillidh agus a gathan soilleach a' lasadh suas na dùthcha
le leithid de mhaise. 'N uair a bha sinn aig leth an
rathaid chaidh sinn thar Drochaid Ghrùdaidh fhuair

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence