Skip to main content

‹‹‹ prev (292)

(294) next ›››

(293)
BHO M' LEABHAR-LATHA. 253
Dùnullach an t-eunadair ann an so. Bha e na ghille-
seilg aig Morair Digby agus aig Còirneal Porter agus
thàinig e le eoin ruadha uatha gu Ailbeart agus ghabh
e ciatanih ga choltas eireachdail, agus bho 'n a bha
eunadair 'g a dhi dh' iarr e fhaicinn a rithisd 'us chuir e
fasdadh air. 'S e duine breagha a bh' ann gu sònruichte
na dheise ghàidhealaich agus 's i bu trice a bh' air.
Bha fras thròm ann ach bha i thairis an uair
a dhirich sinne rithist gu clàr-uachdair na kiinge.
Thàinig sinn 'an so a stigh air Loch-Nis. Tha e
ceithir - mile - fichead air fàd, tha a bhruachan gle
choillteach agus niòran a dh' àiteachan bòidheach
ri 'm faicinn mu thiomchioll. Chaidh sinn seachad air
Inbher-Mhoireastan a tha 'an Gleanu-Moireastan 's leis
na Granntach an oighreachd ach tha i air mhàl aig
an Eidire Seòrus Brooke Middleton chunnaic sinn far
an robli eas ainmeal Faogharaidh ach cha 'n fhaca
sinn an t-eas fhein. Bha 'n shiagh nan grùnain anns
gach àite 's an saoileadh iad gu 'm b' urrainn iad seal-
ladh fhaotuinn dhinn agus iad ri sior iollach.
Thàinig sinn an dcigh sin air sean Chaisteal Urchadain
agus bu bhreagha e, tha e làmh ri Creagan an Lochain
agus bha mòran skiaigh cruinn 'an sin cuideachd. Chaidli
an caisteal so a theannachadh uair no dhà gun tuiteam,
bha e air a theannachadli glè chruaidh anns a' cheath-
ramh ceud deug au uair a bha a cheud Edaird na
Eigh air Sasunn. Is le Morair Seafield, ceann-fine nan
Granntach e, tha oighreachd mhòr aige ann an so, tha
'n Tigh-seilg aige fhein' am Baile-macaan shuas an
gleann. Tha bheinn bhreagha ris an abair iad Meall-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence