Skip to main content

‹‹‹ prev (291)

(293) next ›››

(292)
252 TUILLEADH DHUILLEAG
cuimhiie beag a chaidh chur suas a dh' innseadh mar a
thugadh 'an so le lain Lòm na seachd cinn aig mortairean
oighre na Ceapach agus a bhràthair, an uair a chaidh
dioghaltas a dheanamh orra le òrdugh Mhic-DhònuiU
nan Eileanan. Chaidh an carragh so chur suas 'an
1812. Thàinig sinn 'an deigh sin air sean chaisteal
Inbhergharraidh, 'us craobhan a fàs dlùth dha bhall-
achan briste, tha 'n tigh ùr aig Mr Ellice goirid uaithe.
Tha oighreachd anabarruch mòr aige ann an so air gach
taobh. Tha na monaidhean gu math àrd agus tha aon
sgùr ann a tha os cionn chàich uile, ris an abair iad
Beinn Tighe. Dh' fhàg Mr Ellice sinn aig Caolachaidh.
Bha Mr Brewster na sheasamh 'an sin tha e dlùth air
ceithir lichead bliadhna 'dh aois, bha e roimhe na àrd
Chancellor 'an Eirinn. Chaidh Frànnsaidh agus police-
man a mach an so le Noble còir 'us choisich iad gu
Cille-Chuimean. An iiair a bha sinn 'n ar stad 'an aon
de na glasan thàinig boireannach bochd le aran coirce
'us bainne 'g ar 'n ionnsuidh, ni a tha 'n sluagh aoidheal
so a tairgse do gach neach a theid seachad.
Mu dheich mionaidean an deigh da-uair-dheug
ghabh Beatrais, Sìne Churchill 'us mise ar tràth-
nòin de bhiath teth. Bha an sluagh a bha n' an
seasamh aig na glasan a' sealltuinn a stigh oirnn
ach cha ghabhadh e cuideachadh. Eainig sinn Cille-
Chuimean agus bha moran sluaigh cruinn ann agus
boglia buadhach suas aca, agus ghabh sinn greis mu 'n
d' fhuair sinn air adhart. Air co-ainm an latha so bho
chionn sia-bliadhna-tichead chaidh m' fheudail Ailbeart
air adhart 'an so, b' e sin au latlia air am fac e n'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence