Skip to main content

‹‹‹ prev (274)

(276) next ›››

(275)
BHO m' leabhar-latha. 235
Bha na h-uile ni cho àkiinu mar a chaidh sinn air
aclhart. Bha de choille ann agus gach ni cho uaine,
'us an loch cho chiùin. Tha Bailechaolais ceithir
mile bho 'u Chorran 'us ràinig sinn e aig beagan roimh
aon uair. Tha suidheachadh an tigh òsda mhòir air
taobh thall 'an aisig an so ri bun nam beann, anabar-
rach breagha. Tha tigh nis lugha agus nach 'eil cho
breagha air an taobh tuath air an d' thàinig sinne.
B' fhèudar dhuinn ar carbaid fhàgail 'an sin 'us choisich
sinn sios gu bàta an aisig a toirt leinn ar cleòcanan
ar tràth-nòin agus na goireasan eile a bh' againn leinn.
Cha robh ach beagan sluaigh 'an sin ach bha iad glè
mhodhail sàmhach. Chaidh mise 'us Beatrais agus
Sìne ChurchiU do 'n bhàta, agus Seanalair Ponsonby
'us am Brùnach leinn; chaidh ar 'n iomradh thairis
le dà ghàidheal èudaichte 'am feileachan-beaga agus
Piòb mhòr gu nuallanach ri ceòl dhuinn. Bha tuil-
leadh skiaigh air an taobh thall ach bha iad uile gle
rioghail 'us chum iad astar math air falbh uainn.
Thàinig bantrach uasal 'g an ainm Ban - tighearna
Beresford far an robh sinn, is leatha 'chreag sgliata
a th' ann an so, bha i fhèin agus a nighean aice' an
èideadh bròin agus thug aon diubh bad fhlùraichean
dòmhsa. Bha dà dheadh charbad duaise 'g ar feith-
eamh 'an sin 'us chaidh sinn annta. Beatrais 'us Sìne
agus mise ann am fear iosal diubh 's am Brùnach air
a thoiseach. Bha paidhir each againn a dh' fhalbh glè
mhath. Bha 'n dà dhuin-uasal anns an dara carbad.
Bha sealladh breagha againn bho gach taobh 'n ar dol
air adhart 'an so am measg uam beanntan Ailpeanach.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence