Skip to main content

‹‹‹ prev (273)

(275) next ›››

(274)
23-4 TUILLEADH DHUILLEAG
mliaduinn an de agus sios cladach an ear na Linne
Duibhe air an robh dearsadh na grème gu bòidheach
agus na monaidhean a null uainn a' sealltuinn cho
gorm, cha 'n 'eil na bothain air adhart ri taobh an
rathaid ach brònach coltach. Cha 'n fhiach iad tighean
còmhnuidh a radh riutha, tha iad cho beag, cho iosal,
agus cho dorcha le tudha, fraoch, agus còinnteach.
Mar fhaiceadhmid smùid asda agus gu 'n robh seann
sluagh luideagach 'us clann gun chìreadh mu na dor-
san cha smuainicheadhmid gu 'm b' àiteachan fuirich
iad idir. Tha iad air an suidheachadh gu bòidheach
am measg chraobhan agus bha am monadh fraoich 'us
feòir suas ri 'n cùl a' cur Switzerland na m' chuimhne.
Tha achaidhean beaga bochd aca le tuilleadh hiibhean-
ach na arbhair anuta agus iad air hiidhe gu dona leis
an uisge agus an cuid a dh' àiteachan chunnaic sinn
laogh no mart — de 'n fhior sheòrsa ghàidhealach ag
ionaltradh a' measg an arbhair.
Tha sealladh gasda againn bho 'n rathad so dhe na
monaidhean breagha a th' air taobh thall an loch.
Bho 'n Chorran ^ chunnaic sinn Connaghleann 'an Aird-
ghobhar far am bheil tigh larla Morton aige beul
breagha ghnne, cheannaich e 'n oighreachd chiatach so
bho Mhac-'ic-Eobhain. Tha 'n Linne Sheileach ri taobh
deas a' Chorrain. Tha 'n rathad 'an so a tionndadh
a' sealladh na mara ris an iar gus an ruigear Ounaich
far am bheil na h-uighir a thighean agus 'an so tha
beanntan Ghleann-Comhann a tighinn 's an t-sealladh.
^ 'S ann an so a fhuair Alfred an Abhag sgiathanach aige air am
bheil Corran mar ainm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence