Skip to main content

‹‹‹ prev (239)

(241) next ›››

(240)
200 TUILLEADH DHUILLEAG
mar a rinn e 'n raoir cuideachd, mii na h-Innsean agus
mu 'n troimh cheile a tha 's an Eaglais.
BAILE-MHOraEIL,
Didònuieh, an siathamh latha de 'n
mhìos hhitidhe, 1869.
Chaidh mi do 'n eagiais le Liùsaidh, Leopold, mo
chagaran Beatrais agus Christian. Thàinig an Dr
Macleòid an so an raoir agus is e shearmonaich dhuinn
an diugh agus gu dearbha bha an t-sheirbheis taitneach
's i labhairt ris na eridheachan againn. Bha na
h-ùrnuighean breagha agus mar robh an t-searmoin.
Bha i cho làn de 'n fhirinn, agus de chomhairlean sim-
plidh math, ag iarruidh oirnn deanamh daonnan mar a
bha e air innseadh dhuinn, agus mar a bha air cogaisean
fhèin ag innseadh dhuinn a bhi ceart. Bha 'n ceann-
teaguisg bho 1 Pheadar iv. 21. Chunnaic mi 'n Dr Mac-
leòid an dciigh sin agus tha mi' faicinn athurrachadh mòr
air, tha e sealltuinn cho seann, 'S e am Fear-riaghlaidh am
bliadhna air Ard-sheanadh na h-Eaglaise, agus bhruidh-
eann e le toilinntinn mu 'n aonachd spioraid a bha 'n
am measg ga thaobhsan ; agus bha e ro dhuilich air son
na tha Pharlamaid a' deanamh mu 'n Eaglais Eireanaich.
Baile-Mhoireil,
Didònuich, an treas latha de mhìos mu
dheircadh an Fhoghair, 1869.
Chaidh mi aig dà-uair-dhcug leis a chloinn do 'n
eaglais. Thug an Dr Macleòid searmoin bhreagha
dhuinn agus dà ùrnuigh dhrùighteach mar is àbhaist.
B e 'n ceann-teagaisg Mata xxvi. 30.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence