Skip to main content

‹‹‹ prev (238)

(240) next ›››

(239)
BHO m' leabhar-latha. 199
Air an ath latha thàiuig e' ghabhail beannachd leam,
bha Ard-Sheanadh na h-Eaglaise gu chur do na
h-Innsean a' shealltuinn an dèigh na 'n teachdairean
a tha an sin aice. Cha 'n 'eil e ri bhi air falbh ach sia
miosan ; ach tha' bheatha cho luachmhor 's gur bochd
a chur 'an cunnart, Thàinig tioma air an uair a bha e
'gabhail a cheud dhiom 'us thuirt e, " Mar a pill mise
tha mi 'guidhe air Dia 'ur Mòrachd Eioghail a ghiùlan
troimh 'ur deuchainean uile."
Baile-Mhoireil,
Disathurna, an deicheamh latha de mhìos mu
dheireadh an Fhoghair, 1868.
Ghabh Mr Van de Weyer agus an Dr Macleòid an
dinneir leinn. Bha 'n Dr Macleòid a' sealltuinn cho
bochd agus e cho briste sios 'us feusag fhada air.^
Didònuich, an t-aona latha deug de mhìos
mu dheireadh an Fhoghair.
Chaidh sinn uile do 'n eaglais aig dà-uair-dheug. Bha
Christian agus Franz^ 'an àite suidhe Abargheallaidh.
Chaidh an Dr Macleòid air ceann seirbhis an latha, agus
cha chuala mi riamh searmoin bu bhreagha na thug e
dhuinn na ùrnuigh bu drùightichte na 'n te 'rinn e air
mo shonsa. Be 'n ceann-teagaisg Lucas ix. 33 : " Agus
thuirt Peadar ri losa, A mhàighstir is maith dhuinn a
bhi 'n so . . . gun fhios aige ciod a bha e ag ràdh."
Chunnaic mi an Dr Macleòid agus bhruidheann e
^ Cha robh e ach direach air tighinn dachaidh as na h-Innsean.
- Bha Prionnsa Christian agus a' Bhan-Phrionnsa air tighinn ga 'r
faicinn, agus Prionnsa Teck agus a' Bhan-phriounsa.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence