Skip to main content

‹‹‹ prev (232)

(234) next ›››

(233)
BHO m' leabhar-latha. 193
Baile-Mhoireil,
Didònuick, an ceathramh latha fiehead dc
cheud mhìos an Fhoghair, 1862.
Bha seirbhis ro-thaitneach an diugh a rithist aig an
Dr Macleòid gu h-iosal an staidhir. Einn e taghadh
cho chiatach air na h-earanan a lèugh e ; an treas salm
thar a cheud, pàirt de 'n aona caibdeal deug de Isàiah
agus mu 'n do thòisich an t-searmoin lèugh e an ceath-
ramh caibdeal de na Philipianaich, bha 'n ceann-teagaisg
aige air a thoirt bho 'n chaibdeal sin — an t-siathamh
rann : " Na biodh ro-chùram ni sam bith oirbh : ach anns
gach uile ni le h-ùrnuigh agus le aslachadh maille ri
breith-buidheachais biodh bhur n-iarrtuis air an deanamh
aithnichte do Dhia." Agus ghabh e cuideachd an coig-
eamh rann de 'n aona caibdeal deug de 'n t-soisgeal a
reir Lucais : " Co agaibhse aig am bi caraid, agus a theid
da ionnsuidh air mheadhon oidhche agus a their ris a'
charaid thoir dhomh tri builinnean air iasachd ? " Bha
an t-searmoin so drùighteach mar is abhaist.
'S an fheasgar 'an dèigh na dinneir chaidh mise null
do sheòmar Mrs Bruce agus thainig an Dr Macleòid far
an robh sinn ann an sin agus bha e cho caoimhneal 'us
e toirt de mhisnich 'us de chomfhurtachd dhomh. Bha
cumadh tilgte de 'n iomhaigh aig mo ghaol Ailbeart
anns an trànnsa gu h-iosal an staidhir agus thaitinn e
gu math ris. Lion a shùilean le deòir agus thuirt e gu 'n
robh a chall air fhaireachdain ui bu mhotha gach latha.
Sheall mi dha dealbh na h-uaighe aige agus thuirt e,
" cha 'n eil csan an sin," agus tha sin cho fior ; tha e
na smuain cho taitneach agus tha esan a' sealltuinn ris
N

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence