Skip to main content

‹‹‹ prev (231)

(233) next ›››

(232)
19-2 TUILLEADH DHUILLEAG
rach agus cho taitueach cho caoimhneal agus cho math.
Bhruidheau siun greis mu thrioblaid bàis Ailbeart ghaoil,
agus mar a bha e daonnan cho deas gu bhi air a ghairm
air falbh, ni a chuir mòr ioghnadh air an Dr Macleòid,
agus thuirt e gu dè an staid thoilichte 's an robh mntinn
a ghnath. Cho neo-fheineil agus cho deas gus na h-uile
ni a dheanamh a bha fèumail ; nochd mi so le innseadh
cho suilbhere sa bheireadh e suas gach nì ga 'm bu mhotha
a chiatamh agus gach nì bu docha leis. Cha 'n aith-
neadh duine air gu 'n robh smalan sam bi air ged a dh'
fhèumadh e tionndadh ri nithean eile nach biòdh idir
cho toiHchte leis, shealladh e air an taobh shoiUeir do
gach ni ; 's e siu ua biodhmid a dol bho so gu Luuain
no bho Windsor gu Lunain a' fàgail a dhachaidh ghràdh-
ach fhèin bhiodh e cho sùnndach thoiHchte, mar nach
b' urrainn dòmhsa 'bhi. Thuirt esau gum bu bheaunachd
mhor a bhi beò an cochommun riusan a bha air falbh
romhaiun. Thuirt e gun robh seann bhoireannach a
b' aithne dha a chaill an duine aice agus mòran ga cuid
cloinne agus a dh' fhuiling na h-urrad de thrioblaid agus
an uair a dh' fheòraich e dhi, ciamar a chaidh aice air
a doilgheasan a ghiùhan, fhreagair i ag ràdh : " Och an
uair a chaidh esan a thoirt air falbh dh' fhàg e toll cho
mor na m' chridhe 's gun deachaidh càch uile, gu fur-
asda troimh." ^ Tha so gle fhaireachdail air a ràdh agus
gle fhior agus 's ann mar sin a bhitheas dhòmsha gu
lu'ath tuille.
^ Chuala mi uaith sin nach b' aithne do 'n Dr Macleòid flièin am
boireaunach so idir gur e an Dr Black a bha roimhe ihèìn ann an
sgireachd a' Bharuni an Glaschu a dh' innis a naighoachd dha.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence