Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
84 TUILLEADH DHUILLEAG
fhios gun fliaireachadh air aii Tigh-sheilg. Chuir a
shuidheachadh Còrn-an-Damhaiu ^ na m' chuimhne,
ach gu 'm bheil an gleann nis aimhleathna agus na
monaidhean nis caise. 'S e tigli mòr fada aon ùrlair
a tha 'n so. Bha 'n oidhche tuiteam an uair a
ràinig sinn e aig leth-uair an dèigh sia uairean. Bha 'n
Eidire Tonias romhainn an sin, thachair nach do choin-
nich e fhèin 'us an Diùc a chèile air an rathad ! Chaidh
teachdaireachd a chur' an cabhaig 'an dèigh an Diùc.
Air dol a stigh air an dorus tha aon trànnsa fada iosal
ri' fhaicinn, 'us aig a cheann thall dheth tha seòmar-
cuideachd an tighe — seòmar air am bheil tri uinneagan,
tè a' coimhead gach rathad agus sealladh math ri fhaot-
uinn uapa air gach taobh dhe 'n tigh. Fhuair sinn ar
tea 's an t-seòmar so. Chaidh sinn 'an deigh sin do na
seòmraichean againn, agus bha iad uile iia 'n aon sreath.
Bha trànnsa eile taobh thall an doruis a bha ruith na
uilinn air falbh bho 'n trànnsa againne, 's ann an sin a
bha seòmraichean-gnothuich 'us seòmraichean cadail
na 'n seirbheasach. Bha seòmar na dinnearach ann 's
an ath-dhorus ris an fhear anns an do ghabh sinn ar
tea, bha 'n seòmar aig an Eidire Tomas Biddulph làmh
ris an t-seòmar sin agus a rithist seòmar an Diùc, agus
bha 'n t-aon fhear eadar am Brùnach agus an Eosach, b'
8 'n seòmar aig Liùsaidh an ath fhear agus an sin an
seòmar agamsa. Bha Aimili 'us Anna le chèile anns an
ath fhear agus beagan ni b' fhaide ris a chùl bha Sìne
Cliurchill agus a bean frithealaidh fhein, na h-uile ni
cho comhfhurtail agus sinn uile cho goireasach ri 'chcile.
^ Dlùth air Baile-Mhoireil, goirid bho Loch-Builg.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence