Skip to main content

‹‹‹ prev (116)

(118) next ›››

(117)
BHO m' leabhae-latha. 83
dhuinn. Cha robh an Granntach leinn idir air a'
chuairt so. Ghabh sinn air adhart rè beagan còr 'us uair
troimh ghleann Einneis, dh' inntrich sinn e beagan
an deigh Tòm-a-mhuilinn fhàgail. Bha Beinn-Ein-
neis agus na monaidhean mu 'n cuairt dhi a null uainn
ris an làmh chi. Bha achaidhean mora breagha tuir-
neip ann, monaidhean 'us dailtean bòidheach agus coille
am fradharc, agus bha beanntan àrda fada uainn ach
cha robh ni anns an robh mòr mhaise ri fhaicinn. Dh'
fhàs an latha ni bu truime 'us bha 'n ceò gu dùmhail
air na slèibhtean ; agus direach an uair a shuidh sinn
air bruaich fhraoich ri taobh an rathaid a' ghabhail ar
tea thàinig an t-uisge 'us lean e air sileadh fad finne
fuaireach an fheasgair, fhuair sinn sealladh math air
Gleann-Liobhaid as a' so. Fhuair Lindsay àrd-ghille-
sèilg an Diùc coire dh' uisge goileacli dhuinn a' tigh
tuathanaich a bha goirid uainn. Mu dha mhile seachad
air so thàinig sinn gu Baile-nan-Duffach 'cha 'n 'eil ann
ach aon sràid fhada chas mar a tha 'm Baile-nan-
Granntach. Thionndaidh sinn gu math grad uaith sin
ris an làmh dheis seachad air Acha-an-dùin a' fàgail
gleann bòidheach air ar làmh chlì. Thug tri mile
eile sinn gu Tigh cadh' - chliath ghleann Feataich.
Bha sinn 'an so eadar na monaidhean. Tha 'n gleann
glè chumhann agus an abhainn a' ruith troimh, eadar
cnuic uaine air am bheil craobhan beithe a' cinntinn.
Tha e glè choltach ri Innse - Euairidh ach gur e is
aimhleathna. Chunnaic sinn fèidh goirid uainn, air
mullach nan cnoc. Tha 'n rathad carbaid glè mhath, tha
e' lùbadh air adhart fad trì mile agus an sin thigear gun

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence