Skip to main content

‹‹‹ prev (103)

(105) next ›››

(104)
(1 TUILLEADH DIIUILLEAG
Agus tha e rùdh a rithist aii viair a thug Deloraine an
leabhar a' làinih an fhir bhuidseachd mhairbh —
" He thought, as he took it, the dead man frowned."
Agus is fior do 'n ùghdair cheudna 'n uair a tha e ràdh —
" If thou wouldst view fair Melrose aright,
Go visit it by the pale moonlight."
Tha coltas cho sith air an àite, chuir e na ni'
chuimhne Caibeal an Eòid Naoimh, choisich sinn mu 'n
cuairt dhe 'n chladh los taobh a muigh na h-Abaid
fhaicinn, an dèigh sin chaidh sinn do na carbadan 'us
ghabh sinn an rathad troimh dhùmhladas mòr sluaigli.
Bha an sluagh cho dealasach 'us iad cho rìoghail agus
cho caoimhneil. Bha na h-uile ni air a dheanamh cho
maiseach. Thàinig mòran sluaigh bho Galashiels, agus
cuid na h-uile car bho cheanna-tuatli Shasuiun agus
rinn sin an sluagh cho dùmhail ; agus l)ha moran diùbh
sgapta ma cheann a mach a' bhaile. Ghabh sinn an
taobh thall dhe 'n ghleann 'n ar tilleadh dhachaidh 'us
chunnaic sinn Galashiels, àite a tha air a shuidheachadh
gu grinn, is baile 's am bheil mòran malairt e agus a tha
soirbheachadh gu math, tha iad a' deanamh mòran
chlòthain 'us bhreacan uachdair ann. 'S iad gillean an
àite so ris an abrar — " The hraw lads o' Gaìa Water."
An deigh so thug fichead mionaid no leth-uair sinn
gu Abbotsford àite còmhnuidh ainmeal Sir Walter Scott.
Tha 'n tigh air a thogail an àite iòsal agus e gl^ neo-innt-
inneach coltach, bha Mr Hope Scott ann 'g ar feitheamh
agus mo dhalta fhein a bhean aige, a' Bhan-mliorair
Victoria^ piuthar Diùc Norfolk, agus an cuid cloinne,
^ Dh' eug i ann 's a' bhliacllina 1870.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence