Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
BHO m' leabhar-latha, 71
blieil Abaid Diyburgh, ged nach nior nach eil an rathad
iaruinn 'g a fhalach. Choinnich Diùc Buccleuch sinn 'an
sin 'us mharcaich e leinn fad an rathaid. Bha fàilte
chridheil a' feitheamh oirnn anns gach àite agus lìho
gach neach agus bha buadh-bhoghna grinn aca air an
cur suas. Ghabh sinn ri taobh beanntan Eildon 'us
seachad air drochaid mhor a bh' air an rathad iaruinn
agus bha gach ni mu 'n cuairt cho bòidheach. Tha
Melrose air a shuidheachadh glè bhreagha 's e air a
chuartachadli le coilltean agus le cnuic chaidh sinn
troimh bhaile beag ISTewstead direach mu 'n d' ràinig sinn
Meh'ose agus tha e gle aimleathann agus cas. Ghabh
sinn suas troimh phàircean fear-gnothuich Diùc Buc-
cleuch. Theirinn sinn an sin agus choisich sinn mu 'n
cuairt de 'n t-seann Abaid agus gu dearbh is breagha na
tha' làthair dhi. Agus tha earrainn de 'n chlachaireachd
agus dhe 'n t-snaigheadh fhìnealta a bh' air na clachan
gun mhòran milleadh fhathast, 's e a' cheud Daibhidh
mu 'n dubhradh gur e " sair saint " a bh' ann a thog an
toiseach i ach 's ann 's a chòigeamh ceud deug a chaidh
an Abaid a thogail da 'm buin na ballachan briste so.
Chunnaic sinn fodh 'n àrd altair an t-àite anns am beil
iad ag ràdh 's an deachaidh an cridhe aig Bruce a thiodh-
lacadh agus an t-àite anns am bheil uaigh an dara Eigh
Alasdair, agus an uaigh aig an fhear-buidseachd Micheil
Scott. Tha Sir Walter Scott ag radh mu 'n uaigh so
ann an " Laoidh a' bhàird mu dheireadli " anns an lìheil
cùnntas air dùthaich na 'n crioch so : —
" They sat tliem down on a marble stone ;
A Scottish monarch slept below."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence