Skip to main content

‹‹‹ prev (32)

(34) next ›››

(33)
29
talamh agus a làn. An caithe' mise, do'n dthug
Dia gliocas agus tuigse, na h-uairean prìseil so
ann an leisg, 'nuair tha a' ghrian an àird, agus
a' dol air gnothuch a"* Cruithfhir, — 'nuair tha
eunlaith an athair a'' laoidh-mholadh Dlie agus
ag aoradh dha le co-sheirm chiùil, — an uair
tha an talamh agus an fhairge ri gairdeachas,
agus uile chranna na coille ri luathghàire. O
na biodh e mar so : na biodh an creutair a
fhuair tuille eòlais na ainmhidhean na mach-
arach, agus tuille tuigse na eunlaith an athair,
a'' diultadh guth-aoraidh reusonta a chur ri
ceol a"* chruthachaidh gu h-iomlan, agus cliu a
bhilean, agus gràdh agus ùmhlachd a chridhe
a thoirt do'n Ti sin a thug gealladh dha air a'
bheatha a ta làthair, agus air a' bheatha a ta
teachd.
(K.) MU lllAGHLxiDlI XA TEANGAIDH.
Tha mòran sluaigh am barail ged nach
fheud iad gach ni is àill leo a dheanamli, gu
bheil comas aca gach ni is àill lco a ràdh. Ach
is mearachd mòr so ; oir cha leinn fèin ball air
bith a bhuilich Dia oirnn, agus uime sin cha'n
fheud sinn a ghnàthachadh a rèir ar toil fein.
Tha gach ni tha sinn a' sealbhachadh air a
dheònachadìi dhuinn air son deadh chrìch ;
agus ma tha sinn 'ga chur gu droch bhuil, tha
sinn gu ro-shoilleir a' cur an aghaidh toil an Ti
sin a chruthaich smn, agus 'gar fàgail fein
buailteach d'a chorruich.
c S

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence