Skip to main content

‹‹‹ prev (29)

(31) next ›››

(30)
26
cha'n urrainn doibh Dia a thoileachadh, agus
cha'n 'eil e 'n comas doibh dol as o'n pheanas
sin tha a cheartas ag iarraidh o gach neach
nach"* eil air a shaoradh o thruailHdheachd na
feòla, agus air a sgeadachadh le fìreantachd
an t-Slànuighir.
Cia cho taingeil is còir dhuinne a bhi nach
d' f hàg Dia sinn ann an aineolas ; agus ciod
an t-aobhar buidheachais agus molaidh a ta
againn g'n d'thug e dhuinn am 13iobul annsam
})heil e a foillseachadh dhuinn ciod i a thoil
bheannaichte, agus ciod an dòigh air an dionar
sinn o f heirg shiorruidh, agus air am faigh sinn
sealbh air rìoghachd nèimh. Gun teagamh is
còir dhuinn bhi ro-aireach mu'n leabhar so os
ceann gach leabhair eile, do bhrìgh gii bheil e
a"* foillseachadh dhuinn focail na beatha mair-
eannaich ; agus tha e mar fhiachaibh oirnn a
nochdadh le ar creidimh agus le ar giulan gu
bheil sinn ''ga mheas mar an ni a's luachmhoire
tha sinn a' sealbhachadh san t-saoghal so.
Cha'n urramn e bhi gu bheil sinn deanamh so
'nuair nach Vil mòr-thlachd againn bhi g\i
leughadh gu minic, — 'nuair nach 'eil sinn a'
creidsinn gach ni tha e foillseachadh dhuinn
mu thimchioll ar Slànuighir, — no 'nuair nach
Vil sinn a"" gluasad a reir lagh ar Tighearna,
agus a' co-chumadh ar beatha r'a thoil naomli
agus fhiorghlan.
Ghabh sluagh aosda aithreachas gu minic
gu''n do dhichuimhnich iad am Biobul a ranns-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence