Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
ainmhidh ^iuair tha t'athair aosda agus truagh
a' siubhal d'a chois?'' Cha bu luath a chual an
seann duine so na thug e air a mhac teachd
bhàrr na asail, agus chaidh e fèin a mharc-
achd oirre. " Am bheil sibh faicinn,"" thubh-
airt an treas fear, " mar a ta an duine làidir
leasg so a' marcachd, "'nuair a ta a mhac òg,
sgìth agus crupach, a"* siubhal d"'a chois !"" Cha
bu luath a chaidh so a labhairt an èisdeachd
an t-seann duine na thog e a mhac suas air a
chulaobh. " Guidheam orf' thubhairt an
ccathramh fear, " am buin an asail so dliuit
fein ?'■' " Buinidh,"" thubhairt an seann duine.
" Cha smuainicheadh neach sin,"" thubhairt an
fear eile ris, " do bhrìgh gu bheil thu 'ga
iuchdachadh gun iochd; tha thu fein agus do
mhac ni\s comasaich air an ainmhidh a ghiulan,
na ta an t-aimnhidh air sibhse a ghiulan."
" Ni air b'ith g'ur toileachadh,'" thubhairt
maighstir a' bheathaich ; agus air teirneadh da
fèin, agus d'a mhac bhàrr na asail, cheangail
iad a cosan, agus thug iad oidhearp air a giul-
ain thar an drochaid a bha stiùradh chum a'
bhaile.
Chruinnich an sealladh iongantach so mòran
sluaigh cuideachd; agus an uair a bha iad a'
magadh air an t-seann duine agus air a
mhac, agus a"" dluthachadh riu le-iolaich mhòir,
gliabh an asail eagal, — rinn i strì gu faotainn
air falbh, — bhris i an cord a cheangal i, agus
'na cabhaig gu dol as chaidh i thar an droch-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence