Skip to main content

‹‹‹ prev (24)

(26) next ›››

(25)
1 21
Cha"'n 'eil an ròs is maisiche gun bhioran g'a.
chuairteachadh, agus gheibhear air uairibh na
trioblaidean is truime an cois an t-soirbheis
a's mò san t-saoghal so. Uime sin is còir do
na trioblaidibh, agus do'n bhròn tha dlùth-
leantuinn an duine air thalamh iarrtus agus
togradh a chridhe a thogail a dh'ionnsuidh an
ionaid sin, far nach cluinnear caoidh no gearan
gu siorruidh ; agus do bhrìgh nach sàsuich an
saoghal diomhain so miann a chridhe, 'se a
dhleasdanas co-chomunn ri Dia a mhiannach-
adh ; oir 'na dheadh-ghean-san tha beatha, agus
mairidh a thròcair gu siorruidh.
(F.) AM MADADH-ALLUIDH.
Buinidh am madadh-alluidh do'n aon seòrsa
no gnè ainmhidh ris na coin ; ach tha e am
bitheanta a** fàs ni"'s mò, ni's gairge, agus ni'*s
cruadalaiche na iadsan. Cha"'n ""eil e na ro-
shaighdear "'nuair tha pailteas aig g''a bheathach-
adh ; ach an uair a bheanas gorta ris, fàsaidh
e fiadhaich agus garg, agus bheir e ionnsuidh
cha'n e mhàin air beathaichibh na macharach,
ach mar an ceudna air cloinn òg, agus air
uairibh air sluagh mòr. Far am bheil na mad-
uidh-alluidh ro-honmhor cruinnichidh treud
mhòr dhiubh cuideachd, agus thèid iad an tòir
air fèidh agus air sithionn, ag ullurtaich gu
h-àrd gus an glac iad a' chobhartach. Tha e
aithnichte gu^'n sàsuich am madadh-alluidh a
chiocras air cuirp dhaoine marbha a thogas e

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence