Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
suim aice do'n là naomh sin, agus gu'n robh
cagal an Tighearn sl gabhail còmhnuidh 'na
cridhe, ged bha i ciontach sa' pheacadh so.
Dh'aidich i fein da, 'nuair a thagair e rithe,
gu'n robh a giulan ro-chronail, agus gu'n robli
a cogais ""ga càsaid air a shon ; ach thubhairt i
ris gu'n robh i bochd agus aosda, agus nach
robh dòigh air bith aice air i fèin a chumail
beò as eugmhais a bùtha. A bhàrr air sin,
dh'innis i dha gu''n robh i a' reiceadh tuille
air là na Sàbaid, na bha i a"* reiceadh rè nan
sè iàithean eile, agus nan dùnadh i a bùth air
an là sin nach b'urrainn di i fèin a chumail suas.
Ach thubhairt esan rithe nach robh biiann-
achd air bith ann an giulan peacach, no calld-
ach air bith ag èiridh o ùmhlachd do lagh Dhe.
Dh"* innis e dhi gu''m bu chòir do gach neach
earbsadh à freasdal an Tighearna. Ach an
àite sin a dheanamh, gu'n robh ise, le bhi reic-
eadh air là na Sàbaid, a' toirt a cùis à làimh an
Tighearna, agus ag earbsadh 'na ghocas agus
'na seòltachd fèin ; agus air an aobhar sin nach
robh e "'na chùis iongantais ged bha i bochd
agus uireasbhuidheach.
Dh''aidich a"" bhantrach ceartas nan nithe so,
agus o sin suas dhùin i a bùth air là na Sà-
baid. I^eagan an deigh sin thachair an duine
diadhaidh so air a' bhantraich cheudna, agus
dh'fheoraich e dhith an d^'fhàs i bochd o
na leig i dhith bhi reiceadh air là na Sàbaid.
" Cha d'fhàs," thubhairti, " oir shoirbhich Dia
b3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence