Skip to main content

‹‹‹ prev (12)

(14) next ›››

(13)
14. Rinn esan cabliaìr orm 'nuair a threig
gach aon eiie mL Diolar an aingidheachd
air ceann nan aingidh. Esan tha toil-
each air maith a dheanamh, bheir Dia comas
agus cothrom dha. Cha"'n ""eil neach air bith
comasach air fearg neo-chriochnach iomchar.
Tha tri pearsa san trionaid ghlòrmhoir. Dh'-
f hàs a shhochd bochd. Mairidh Dia o bhith-
bhuantachd gu bith-bhuantachd. Ann an iom-
laineachd na h-aimsir thàinig ar Slànuighear
chum an t-saoghail, agus ghabh e ar nadur-
ne d'a ionnsuidh fein. Tha òr ro-phrìseil
agus luachmhor. Feumaidh gach neach bhi
air ath-ghineamhuinn mu'm bi e air a shaor-
adh o thruaiUidheachd a nàduir.
15. Ciod e uchd-mhacachd ? Cha bhuadh-
aich e air a' bhàs. Buinidh do charaid do
theaghlach mheasail. Bha a' bhean a phòs e
beag-inbheach. Cha ni coitchionn an ni so.
Lion SL phrasaich le conalaich. Am bheil duine
ann is urrainn a ràdh " tha mi neo-lochdach .?""
— Bha doilgheas air do bhrìgh gu'n do chaill
e a' chùis. Chuir e fallus deth leis a' cha-
bhaig a rinn e. Tha e mar fhiachaibh oirnn
comh-fhulangas a bhi againn r'a chèile. Ni
pobull aoradh dha, agus bheir slòigh urram
dha. Dh'ung iad an righ le h-oladh phrìseil.
Bha e 'na sheirbhiseach dìleas agus tairis.
Tha an geamhradh ro fhuar, agus an sneachd
ro-dhomhain. Bhuaii a' ghaoth thuath ro
dheas air.— E. T.d, 20.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence