Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
34
neas ro-cliràiteach. Rinn e ball-maslaidh
d'a choimhearsnach. Seachainn co-luadar nan
daoine ain-diadhaidh — gleidh thu fèin uapa.
5. Gach ni a roghnaicheas tu, gheibh thu e.
Tha uile shaothar an duine air son a bheoil ;
gidheadh cha'n Vil a mhiann sàsuichte. Mar
fhuaim droighinnich fo phoit tha gàire an
amadain. Ann an là an t-soirbheachaidh bi
subhach, ach ann an là an doirbheis smuain-
ich. Is fearr làn duirn le suaimhneas, na an
dà làimh làn le saothair agus buaireadh,
spioraid. Cha bhrisear cord thri duail gu h-
obann. Ann an iomadalachd bhriathra tha
diomhanas. Cha'n ann do na daoinibh luatha
tha an rèis, no do na daoinibh tuigseach saoibh-
reas ; ach tacharaidh àm agus tuiteamas dhoibh
uile— (B.) T.d. 40.
6. Is fearr madadh beò na leòmhan marbh.
Ma bhios an t-iarunn maol, agus nach geur-
aichear e, feumaidh an tuille spionnadh a
chur leis. Tha a' chraobh fo bhlàth, agus
aghaidh a"* chruthachaidh ùrar agus gorm.
Giulain a' chunneag a dh" ionnsuidh an tob-
air. Chriothnaich luchd-gleidhidh a'' bhaile.
Le mòran leisge thèid an aitreabh sios, agus
le diomhanas nan làmh snidhidh an tigh
troìmhe. Mar chrann ubhal am raeasg chrann
na coille, is amhuil sin duine ghc am measg
amadana. Chaidh e a shealg air earbaibh
agus air eildibh na macharach. Is fearr esan
a tha foighidneach "'na spiorad, na esan a ta

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence