Skip to main content

‹‹‹ prev (317)

(319) next ›››

(318)
302 AN T-EILEANACH
luch. Nach robh Diighall ag innseadh dhomh gu 'n
do thachair e air an là-roimhe, agus arsa Dughall ris —
chunnaic mi rud-eigin an raoir, 's mi 'tighinn thar a'
mhonaidh.
Ciod e nis a bh' ann an sin a Dhùghaill? ars' am Min-
isteir.
Bha meall mòr, geal, thall aig Allt-an-Eirionnaich.
Oaora ! ars' am Ministeir.
Cha 'n i, dh' aithnichinn fhein caora, arsa Diigliall.
Deàrrsadh na gealaich air lub, ars' am Ministeir 'us
thoisich e'n sin le deàrrsadh na gealaich air lub', 'sdeàrrs-
adh an luib air lub eile, gus an d' rinn gach deàrrsadh a
bh' ann aon mheall geal air meadhon an rathaid mhoir.
Cha b' e h-aon do na nithean sin a bh' ann, arsa Diigh-
all.
Agus ciod e 'n rud a nis a bh' ann Ì ars' am Ministeir.
Bha, arsa Dùghall, lair bbàn Iain 'Ic Sheumais.
Nach d' thubhairt mi riut gur e rud-eigin mar sin a
bh' ann, ars' am Ministeir.
"Sibh fhein nach d' thubhairt," arsa Diighall. 'Am
measg gach dealbh a tharruing sibh mu 'm choinneamh-
sa, cha 'n fhacaidh mi coslas na lair bàine air a h-aon
aca.' Ach tha mi cur seachad na h-oidhche oirbh. So
'Dhonnachaidh, cha chuala mi smid as do bheul an
nochd.
Mur an cuala cluinnidh, arsa Donnachadh.
Tha 'n oidhche nis air dol seachad,
'S e dol dhachaidh a's fheudar,
Thoir a nail dhomh nio bhata.
An cluiun thu, 'Chaluim, dean eiridh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence