Skip to main content

‹‹‹ prev (294)

(296) next ›››

(295)
AN T-EILEANACIT. 279
AIR CHEILIDH LE CAILLEACH-NAN-SOP.
Air oidhche gheal ghealaich anus a' gheamhradli, 'se
sin, bha 'ghealach air an speur, 'n am fuii'icheadh i 'san
t-sealladh, ach sin cha deanadh i, ach a leum a stigh 'sa
macli ann an neòil rahòra dliubha, mar gu 'n robh i
cluicli air Bodach-a'-mhulain.
Chruinnich sgonna-bhalaich 'us seana-bhalaich air
faoilein reidh aig cois na tuinne a dhol a thoirt deannal
leis na camain air a' bhall, ach cha robh an oidhche
idir freagarrach. An darna uair cho soilleir agus gu'm
faiceadh tu slige bairnich, agus an uair eile cho dorcha
'n nach bu leir dhuit each ban. Chailleadh a' bhall tri
uairean, agus fhuaradh a rithisd i ann an leth-uair do
thim. Bha bodach na gealaich mar gu 'm bitheadh e
an deigh eisimpleir a ghabhail o bhodach eile, a' dean-
adh a h-uile rud a b' urrainn dha gus an toil-inntinn a
chumail o 'n oigridh. Ach cha robh esan daonnan dona
's an rathad ud, ciod e sam bith a thàinig air an oidhche
bha 'n sud. Dh' fhaoidte gu 'n robh cion an tombaca
air. Cha do thaoghail bàta na smiiid air a' mhios a
chaidh seachad idir, agus 's iomadh fear a rachadh do'n
spliùcan nach d' thugadh mòran as.
Ach, CO dhiu, chunnaic na gillean nach robh feum
ann a bhi feuchainn ris a' chluich ud. Thubhairt fear-
eigin, "Mur a dean e latlia buana ni e latha chnuap
chno," mur a dean i oidhche camanachd ni i oidhche
ceilidh. "Gu Cailleach-nan-sop," arsa fear eile, agus
mar sru 'm b' ann "' an crreasad thug a chlach-niheallain

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence