Skip to main content

‹‹‹ prev (282)

(284) next ›››

(283)
AX T-EILEANACH. 267
Gur trie bhios mo smuaintean a' tathaich,
'Sa' chladach is fallaine tràigh,
Far an trie robh mi 'n caoimhneas nan caileag,
Bha ceanalta, banalta, màld';
An t-uiuseann, an calltuinn, 's an darach,
Gn badanach, meanganach, àrd,
'S bu chi\bhraidh leam fàile na meala,
Bho chill nan torn droicrhinn fo bhlàth.
Bhiodh còisridh an doire fo 'n duilleacli,
Ged bu bhiun bhiodh an luinneag 's an la,
An ribheidean paisgte fo 'n sgeithe,
Air dosaibh nan geug 's iad a' tàmh ;
An loch 's e gun tonn air ag eirigh,
'N a sgàthau do reulta nan nèamh,
'S gu m' chluais thig an t-iasgair le dhranndan,
'S an fhuaim thig bho chlaudan nan ràmh.
Tha sòlais 'us sonais gun àireamh,
Do neach a fhuair tàlant no smaoint,
Tha sgiiobhadh air clàr obair nàduir,
Mar a bha air na clàir a bh' aig Maois.
A dhuin' air na bhuilicheadh reusan,
Bhreithnich ma 's a leur co a rinn ;
Tog do shùilean a suas agus leugh e,
'Nuair lasas an speur anus an oidhch'.
Ach so dhuit mo dhàu, a Mliic Chaluim,
Dean a leughadh 'us aithris gu d' shannt,
An uair a theid mise nunn thairis,
As nach till mi ri m' mhaireann a nail.
Ged bheirinnse leam thar na mar' e,
Do dhùthaich nan crannaibh ud thall,
Cha tuigeadh mo sgalag, mo shearbhant,
Mo bhean no mo leanabh mo cliainnt.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence