Skip to main content

‹‹‹ prev (280)

(282) next ›››

(281)
AN T-EILEANACH. 265
" Bu choir dha fhein sin," arsa Dùghall Ban, " a
chionn bha Eogban Chaluim gle chàirdeach dha. Ach
cha robh neach beo 's an àite air an robh cuimhne aige
ach seann Anna nighean Eòghain,"
" 0, nach fhaca mi e fhein agus i fein agus a làmh
'n a achlais agus am bata aice anns an làimh eile, agus
iad a' sràideamachd a sios gu Creagan-a-Bheithe,"
arsa Maireavad ; " bha iad ag ràdh gu 'n robh iad a'
suiridh an uair a bha iad og."
" Bidh iad ag radh moran," arsa Dùghall Ban, " ach
bheir mi dhuit, a Bhuachaille, òran Iain Mhic-Ghuaire,
cha chreid mi gu 'n cuala tu roimhe e."
"Oran a rinn e fhein, no oran a rinueadh air a shonl"
ars' am Buachaille, agus e a' caogadh ri Eòghan Og.
" Coma leat cia mar tha gin, ma chluinneas tu an
t-òran," arsa Dùghall, agus e a' toiseachadh air na rann-
an a leanas mu 'n t-seann duin'-uasal so a thàinig aon
uair eile a shealltainn tir a dhiithcbais agus diithaich
oige :—
ORAN IAIN MHIC-GHUAIRE.
Air Fonn. — " Air faillirin, illirinn, uillirinn, o ho ro, laoidh.
Mi am shuidhe leam fhein air a' chreagan,
Far an trie robh mi beadradh 's mi og,
Le m' choimpirean fhein 's siiin a' farpais,
Measg chuirteag, 'us leacag 'us òb ;
Tha gach amar 'us gaineamh 'us sàile,
'S a' chaisle a' snàmh mar bu nòs,
Ach cuideachd mo ghaoil 's mo luchd-àbhachd,
Cha till ris an làraich ni 's mo.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence