Skip to main content

‹‹‹ prev (258)

(260) next ›››

(259)
AN T-EILEANACH. 243
"An lath a bha" thubhairt Doniiacha, " cha chreid
mi fhein nach e a b' f hearr a fhreagradh air, ' An latha
nach robh,' co dhiubh, is e bheir mise air, 'Ruidlile
bhog seot.' " Bha so aig a' Bhuachaille Robach anns
an òran, agus 's ann a bha eagal air Mairearad gun
robh "Kuidhle bhog seot" a dol a leanachd ri Eachunn
mar fhar-ainm. Agus is ann air a' Bhuachaille Robach
a bha i cur na coire uile gu lèir. "'S beag tlachd a
th'agam da chuid oran gu dearbh" thuirt ise, "agus is
neònach learn fhein seann duine mar tha sibhse,
'Dhughaill, aig am bu choir bhur n-inntinn a bid air a
socrachadh air nithean a b' fheumala dhiubh na rama-
sgail dhrabasda gun loinn gun eireachdas gun fhacal
firinn. 'S neònach learn sibh a bhi comhairleachadh
gum biodh iad air an seinn ann an èisdeach oirgridh
mar a tha an so." Cha robh sviil a bh' air an achadh
nach robh socraichte air Dughall Ban, no cluas nach
robh a biorachadh a chluintinn gu de am freagradh a
bheireadh e air an sgeamhaichd a thug Mairearad dha.
Cha robh Dughall na dhuine bha mor-bhriathrach agus
bha daoine gu math deigheil air a bheagan a bh' aige a
chluinntinu. Thog e a cheann agus sheall e air each,
agus ars' esan, "'S ann mu 'n chuma a bha am f iiagh-
al." "Cha chreid mi fhein naeh ann," arsa Mor na
Cuinneige. Cha deachaidh ise iarraidh idir a dh'
ionnsaidh na cuirm a bh' aig Anna bheag, ged a chaidh
Calum a' Chnotail 's a bhean a bha 'san ath dhorus rithe
a chuireadh ann. "Cha chreid mi nach ann mu'n
chuma bha am fuaghal gu dearbh" ars ise, " 'se mo
bheachd gun deachaidh na ramasgail, mar a their thu
riutha, na 's tinne air an fhirinn na chaidh daoine a

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence