Skip to main content

‹‹‹ prev (198)

(200) next ›››

(199)
AN T-EILEANACH. 183
Gu de na gnothaichean a th' ami 1"
" O, tha 'n crodh a' geumnaich, na mucan a' sgiamh-
ail, 's na coilich a' glaodhaich."
" Ach nach 'eil sin 'n a ghnothach nàdurra gu leoirl"
"Stad ort, a cliaraid," ars' esan, " na tog thusa mise
gus an tuit mi, tha e nàdurra gu leòir air a' mheadhon-
latha, ach cha 'n 'eil air a' naheadhon oidhche. Ach cha
bhi mi ga d' chumail ni 's fhaide. Latha math leat,
agus ma chi mi thu an uair a thilleas tu, bheir thu
dhomh sgeul air na bochdain."
" Beannachd leibh," arsa mise, " 's gu dearbh is mi
fhèin nach 'eil sgith d' ar cuideachd. Bheir mi oidhirp
air 'ur faicinn an uair a thilleas mi ; 's e sin ma leigeas
na bochdain leam tilleadh;" 'us leis a sud a ràdh ghabh
mi air m' aghaidh, gus an d' ràinig mi Tigh Charraig-a'-
Chaorainn, agus rainig mi e an uair a bha iad a' dol a
shuidhe gu 'n dinneii\
" Nach math an t-àm an d' thàinig mi," arsa mise.
" ]Molaidli tu sin 'n uair a dh' fhalbhas tu," arsa fear
an. tighe, " ach suidh suas." Bha ceathrar no choignear
do luchd-cuairt mar a bha mi fein a stigh — Gaill 'us
Sasunnaich agus aon ghill' òg Gàidhealach, a bha air
fòlach dhachaidh a Sasunn, ris an abradh iad Maighstir
Mac-a'-Chiibair, agus 's e an teisdeanas a bh' aig fear an
tighe air, gu 'n robh e cho carach ris a' mhadadh ruadh.
"Tha," ars' esan, " fichead car anns an. t-sionnach, ach
tha car-'ar-fhichead ann am Mac-a'-Chùbair." Bha na
Sasunnaich gle ghaolach air a bhi 'n ai- cuideachd a dh'
f haodainn ainmeanan nam beann 's nan gleann, ach bha
Mac-a'-Chùbair ag ràdh gu 'n robh an spuaic-theang'
orra, 'us nach b' urrainn iad an ainmeachadh gu ceart.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence