Skip to main content

‹‹‹ prev (155)

(157) next ›››

(156)
140
AN T-EILEANACII.
'S ma gheibh e neach gu caonag,
Math dh' fhaoidte gu 'n tèid e 'thabaid,
'S tha Hiis' a' so.
Tha mis' a' so is mi air m' uilinn,
Ag eisdeachd iorguil nan radan,
Gun fuaim is binne 'tigh'n a m' chuideachd,
No na luchaidh 'dol troimh 'n bhalla,
Tha cuid dhiubh air an iirlar,
'S a bùrach mu 'n chorrachagailt,
'Us tha cuid eile dannsadh,
Mu 'n phaipeir a tha mu 'n aran,
A stigh 's a' phress.
Cha 'n 'eil laigse chualas,
Bhi f uaighte ri mac an duine,
Nach meudaich thu seachd uairean,
'S a bhuadhan g' an cuir an lughad,
Neo dh' fhaoidte gu 'm bi sunnd ort,
'S gu 'n tionndaidh thu 'n rath'd eile,
'S bidh gach maise 'fas air,
'Us ailleachd c' arson a cheileadh,
'Us e cho math.
'S ioma fear 's an àite,
Bhiodh càirdeil rium mar a bhith thu,
A sheachnas mar a' phlàigh mi
Cha 'n àill leis gu seas e 'bhruidhinn,
E 'sealltainn fo na miigan,
'S a ghnùis ri taobh eile bhaile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence