Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
AN T-EILEANACII.
SAIGHDEIREAN GAIDHEALACH ANN AN
AFGHANISTAN.
Air Fonn : — "So deoch-slàinte' Glùddheil ghasda."
Seisd. — Slàn gu 'n till na Gàidheil ghasda,
'Tha thai" sail' air nihears' nam bratach,
Fui-an fàilt 'us slàn, tigh 'n dachaidh
Do na suinn tha 'n Afghan thall.
Thug an Sàmhradh ruinn a chiilaobh,
'S tha 'm Faoghar fann 'fas gann ri chùnntas,
'So 'n tha 'n Geatnhradh air tigh'n dlùtli
Gur mithich siiithadachdainn air rann.
Cia mar chuirinn 'm bull a b' fhearr e,
Na bhi seinn air cliù nan àrmunn,
A gbleidh a' bhuaidh aig Kandahar,
'S a chuir an ruaig air Ahab Khan.
Moire! 'siad mo ghaol na h-àrmuinn,
Sgeadeaicht' anns an eideadh Ghàidhealach,
Cruaidh-ghreimeach le buaidh mar b' àbhaist,
'N dream a dh' àraich tìr nam beann.
Sheas na naimhdean ruibh le diorras,
Bha iad reachrahor, làidir, lìonmhor,
Ach gun taing dhaibh b' eudar striochdadh, —
Ruag sibh iad le roinn nan lann.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence