Skip to main content

‹‹‹ prev (26)

(28) next ›››

(27)
1829.
Mu theachd a stigh ail t-Saììikruidh.
11
an am, ach cuir seachad an oi'che
nochd ann am thigh, 's ma dheon-
aicheas Dia dhomh pilleadh,
bithidh am barrachd seanchais
aguinn.
T. m'm. t.
MU THEACHD A STIGH AN
T-SAMHRUIDH.
*' Tha'n geamhradh seachad, tha'n t-
uisge thairis, dh' imich e roimhe.
Chithear na blathan air aii talatnh, tha
am seinn nan kun air teachd. — Tha'ii
crann-rjge a' cui' a mach 'fhige glasa,
agiis tha dearcan maoth a' chroinn-
fhion a' toirt faUe cfibhraidh uatha ;''
Solamh.
An diugh tha'n Samhradh a'
tòiseachadh ! 'S iomad aobhar
toileachas-inntinn a tha e toirt
duinn air caoimhneas aguscairdeas
neo-chriochnach an Uile-chumh-
achdaich. 'Se so an ràidhe sona
sin, anns a bheil Dia a' taomadh a
mach saibhreas a mhaitheisanns an
tomhas is pailte air gach ni agus
neach. Is sunndach càil gach beo-
chreutair. Tha reite agus ciùin-
eachd air dùilibh an domhain.
Tha bias agus aoibhneas a mach
air feadh an t-saoghail, agus cha-
'n'eil obaireile aigan t-Samhradh,
ach ag uidheamachadh air arson
gach ni tha feumail agus tait-
neach do mhac an duine ; agus
freagarrach gu àrd thaingealachd a
dhùsgadh na chridhe. Tha'm pòr
a chuireadh sa mhàrt a' teachd a
nis a mach na fhochann bòidh-
each: tre chumhachdaibhdiomhair
nàduir, le feart na greine, tha meas
de gach seors' a fas anns na lios-
aibh. Fo mhile suaicheantas
riomhach chithear lusan na mach-
rach a fas gu dosrach ùr'ar, cha
robhRigh Solamh riamh air eideadh
CO àillidh riu. Nach lionmhor an
àireamh agus nach maiseach an
snuadh ! Nach dealaichte o cheile
na'n gne agus na"n coslas, guch
feòirneln agus lus, gach preas agus
crann a tha nis a' fosgladh a mach
an duillich, o'n chòinnich iosail
uaine, gu ruig an darach laidir,
righ na'n craobh I Siubhlamaid
far an àill leinn, gu mullach an
fhirich is àirde, gu uaigneas a
ghlinne is isle, tachraidh oirn anns
gach àite àilleachd ùr. Ma shuidh-
eas sinn air bruaich na h-aibhne,
nach binn torraan ciùin an t-sruth
a' siubhal seachad oirn gu reidh
samhach do'n chuan mhòr. Nach
bòidheach na blàthan maoth a
tha fas mu bhruachan nan allt, — an
t-sòbhrach, a bharra-gheal, 's an
neònain, a bhiolair' uaine, ròs nam
bad bòidheach, is mile lus nach
fheudar àireamh san àite so. Amh-
airc OS do cheann, nach glòrmhor
dreach nan speur, — amhairc air
an làr agus faic an truscan uaine
leis a bheil na cluaintean air an
còmhdachadh. Eisd ris a cheol a
tha m' ad thimchoill, tha chòisridh
cheolmhor a mach air gach preas,
tha chuthag o chnochd gu cnochd,
gach doir' agus gleann a' co'-
freagradh da fàilte. Cluinnear fad
as, fuaim nam feadan uisge, tura-
raich chianail nan eas, agus on-
fhadh trom a chuain. Chithear
caoirich le'n uain bheaga gheala a
muigh air an raon. Tha buaile
chruidh ghuaill-fhinn air an todhar,
tha na laoigh ghuanach a'mireag
air an ailein.Chuir fiadh nan stùchd
suas a shuaicheantas samhruidh,
is àrd a langan san fhridh ! Ann
an aon fhocal, tha mile ni ri fhaic-
inn agus ri chluinntinn ann an òg
mhìos an t-samhruidh, bu choir ar
taingealachd a dhùsgadh do'n Ti
àrd agus ghlormhor, a chàirich
gach ni do'n t-seorsa so mu choin-
neamh ar sùl, a thug tuigse
dhuinne gu eolas a ghabhail orra,
agus riarachas inntinn a tharruing
uatha. Ach, àillidh mar tha
tùs an t-samhruidh, cha mhair o

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence