Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
1829.
Còmhradh ìia'ii Cnochd.
Ghalldachd, mu leabhar ùr a tha
ri teachd a mach uair sa mhios,
d'an ainm an Teachdaire
Gae'lach.
EoGH. Cò e am fleasgach ùr so ?
agus cò as a tha esan a'teachd
oirn?
Lach. A' Glaschu.
EoGH. Ciod e nach d'thig a'
Glaschu ! Ach innis so dhomh,
Ciod e an teachdaireachd air a'-
bheil an Gille-ruidh ùr so a'teachd?
Lach. A thoirt eolais do na
Gae'dheil, agus a dhùsgadh dèigh
agus togradh annta gu leughadh.
EoGH. Obh, Obh! 'Sann orra
tha'm bàinidh m'an Ghaeltachd
an dràsta, le'n càirdeas mu'n
sgoilean 's mu'n leughadh; ach
gabh air t-adhart, cluinneamaid
ciod an seors' eolais a tha iad
a'tairgse.
Lach. Tha iad ri fiosrachadh a
thoirt duinn mu na h-uile ni a
shaoileas iad a bhios taitneacli
no tarbhach, freagarrach do staid
na Gaehachd, no foghainteach
chum togradh a dhiisgadh annta
gu leughadh ; is cha'n'eil e daor,
ach se sgillinn sa mhios. An cuir
mi SÌOS t'ainm, Eoghainn ?
EoGii. Air t-athais,a Lachluinn.
Innis dhomh 'sa cheud dol a mach,
gu h-athaiseach ponncaih ciod na
nithe tha iad a' gealltuinn, chum
gun tuiginn an ciànnradh tha iad
a' tairgse.
Lach. Ni mise sin na'n cainnt
fein. Anns a cheud àite, ma ta,
Tha iad a' gealltuinn moran do
eachdruidh na Gaeltachd sna linn-
ibh a chaidh seachad. A' bheil sin
acòrdadh riut ?
EoGH. Tha gu math ; ach c'àit
am iaigh iad e ? Na'n cuireadh
iad fios air lain-dubh-mac-Iain-
'ic Ailein, gheibheadh iad barrachd
uaithe de'n t-seorsa sin, na tha ac'
air a GhaUdachd ; agus mas aithne
dhuit CO iad, leig flos 'dan ionu-
suidl), ma thòisicheas iad air
smàdadh Thearlaich, 'sna dh'-
eirich leis, nach ruig iad a leas
tighinn an taobhsa le'n teachdair-
eachd ; ach gabh air t-adhart.
Lach. Tha iad ri moran a thoirt
dhuinn mu eachdruidh an t-saoghail,
— mu na tha dol air agliaidh anns
gach cearnaidh dheth, — mu na
speuran, mu'n ghrein, mu'n gheal-
aich, lionmhoireachd nan rionnag
's nan reull, mu'n chuan 'sna bheil
ann, mu eachdruidh na'n eun, na'n
iasg, agus bheathaichean.
EoGH. Air naile 1 's iad fein na
gillean, cha chreid mi nach ann
ac' a tha na cinn. Ach na'n
gahhadh iad mo chomhairle-sa
dh'fhanadh iad air an talamh a
bhos, gun bhi streap ri grèin no ri
gealaich. Ann am bharail fein,
tha moran spleadhachais sna bheil
daoin a nis a' cur am fiachaibh
oirn mu na nithe sin — cha chreid
mi gu bheil iad ni's mo eolas air a
ghealaich na tha sinn f bin ; ach
a thaobh eachdruidh bheathaich-
ean, an nàdur agus an cleachd-
ainnean, cha'n'eil teagamh agam
nach faod iad moran innseadh
a tha taitneach; agus is mi tha
cinnteach, gum bi mo charaid
an sionnach 'nam broilleach le
chuilbheartaibh seolta.
Lach. Agus a thuilleadh air
so, tha iad a'gealltuinn dhuinn
naigheachd nam bailtean mora,
agus cunntas mu na marguidhean,
Nach 'eil sin a còrdadh riut ?
Eogh. Ma ta, a ghoistidh, cha'-
n'eil mi f hin ro chinnteach ; cha
teichd na tha de naigheachd 's
de chleachdadh nam bailtean mòr
a'tighinn oirn mar tha ; agus do
thaobh cunntas nam marguidhean
cha b'iongantach leam gad a
bhiodh e coltach ri naigheachd nan
Dròbhairean, as nacli feudar
moran carbs' a chuir ; Ciod tuil-
leadh ?

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence