Skip to main content

‹‹‹ prev (133)

(135) next ›››

(134)
132 AIR lOMADH PUING CHREIDIMH.
' eadhon 'nuair a bha sinne n-ar naimhde dha, cia mò
mhòir a ghradhaicheas e nis sinn, air dhuinn a bhi air
n-ar deanamh reidh ris trid Chriosd,' Rom. v, 9, 10.
Agus do bhrigh 's gu'n do ghradhaich e-san sinne, 'nuair
nach b'urrainn sinn aon-chuid fhabhair iarraidh, no a
ghradhachadh a ris, cia mò mhòr a ghradliaicheas e
sinne a nis, 'nuair a tha iartais againn a bhi air n'ar
gradhachadh leis, agus aig oidhearpachadh a ghradhach-
adh-sa rìs ?
A ris, cuimhnichibh gu'm bheil gaol Dhia saor, oir
cha'n 'eil e 'gar gradhachadh air son ar fiù-alachd, agus
ar fireantachd fein, ach tha a ghradh a' dol air taobh
thall ar'n-uile pheacaidhean. Ghradhaich e thu o ghnìs,
thagh e thu o gliras, shaor e thu o ghràs, ghairm e thu
o ghràs, dh'fbireanaich e thu o ghràs, agus ghloraich e
thu ghràs ; mar so na h-uile a tha e deanamh dhuit 's
ann o ghràs a ta e, agus cha'n ann o speis sam bith a tha
aige do theircead no do lionmhoireachd do chuid-sa peac-
aidhean ; oir b'aithne dlia, mu'n do ghradhaich e, no
nm'n do thagh e thu, ciod na peacaidhean anns an tuit-
eadh tu, agus bu toil leis trocair a dheanamh air an
dream sin a b'aithne dha a bhiodh nam peacaich bu ro-
mhò, a chuin 's gu'm bu ro mhò a dhealraicheadh a
shaor-ghràs ann thus a thearnadh. Mar so a nis, gu do
shaoradh o na bhuaireadh so, 'se so am freagradh, 's ann
ann an Criosd a ta 'n t-Athair 'ga do ghradhachadh, agus
tha fireantachd a Mhic air a mheas dhuit, a chum 's
gu'm biodh tusa air do dheanamh a d'fhireantachd Dlie
trid fhireantachd-san ; uime sin air dhuitsa bhi air do
chomhdach le fireantachd a Mhic, cha'n 'eil an t-Athair
a' faicinn peacadh air bith annad.
'Nis, anns a bhuaireadh mu dheireadh, tha dà ni. A
cheud nì their 8atan ri do choguis, mur creid thu niise,
no eisimplair na'm nuiinntir a chaidh romhad, no do
chridhe fein, gidheadh creid an Tighearna ; agus tha so
na bhuaireadh laidir, gn'n d'thoir am meirleach a steach
an Tighearna ann 'ur n-aghaidh. Seall, deir esan, ris
na buillean agus ris na slatan a tha'n Tighearn a' cuir
ort ; na'm biodh gradh aige dhuit, cha biiiodh a lamh
cho trom ort ; na'm biodh gradh aige dhuit cha nochd-
adh e comharan cho soilleir de' dh'fhearg agus de' a
chorruich ad' aghaidh. Tha so na bhuaireadh goirt.
Ach freagairidh tus e air an doigh so, tha thus ad'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence