Skip to main content

‹‹‹ prev (338)

(340) next ›››

(339)
DONNACHADH BAN.
249
Mu'd tog sinn ar ceann ?
Bheir an stuth grinn oirnn
Seinn gu fileanta,
Chuir a thoil-inntiim
Binneas n'ar caiunt,
Chaisg i ar 'n iota
'N fhior dheoch inhiliis,
Bu mhuladach sinne,
Na 'm biodh i air chall.
Deoch slàinnte nan gaisgeach
Nan Gàelibh gasda,
Ga'm b' àbhaist mar fhasan,
Bhi pùit air an dràm,
Luchd gaoil an stuth bhlasda,
'S air dhaoirid an lacha.
Nach caomhnadh am beartas
A sgapadh 'san àm.
Fear g'am beil ni
Gheibh e na shireas e,
Fear a tha crionda
Fanadh e thàll ;
Fear a tha mi'or
Cha'n fhuilig sinn' id ir e,
'S am fear a bheil grinneas
Thèid iomain a nail.
•S ro rioghail an obair
Sruth briogar na togalacb,
loc-slainut a bhogaic .1 as
Cridhe tha gann ;
A's ceileirin,
'S t'reagarrach sliinneas sinu
Dei read h gach rann.
O'n shuidh sinn cho fada,
'S gu'n dh-ùl sinn na bh'-againn,
'S i choir dol a chadal
O'n thai nig an t-àm,
Cha'n fhòghnadh ach paillteas
Thoirt sùlas ga' 11' aigneadh,
Deoch mhòr anus a mhadainn
Gu leigheas ar ceann.
Am fear tha gun chli,
Cuiridh e spiorad aim.
Togaidh e cri
Gach tir a tha fann,
Thèid am fear tinn
Gu grinn air mhirreadh ;
'S e leigheas gach tinnis,
Deoch mhillis an drain.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence