Skip to main content

‹‹‹ prev (290)

(292) next ›››

(291)
ROBB DONN.
213
"Cha 'n fnac thu fein o rugadh tu,
Aon cheum de m' obair-s' fiar,
Ged chunnaic mi mar chleachdadh l.u,
Do dhreachdan 's do chiall ;
Cia h-iomadh trie gu beartas,
Bh' airan ditheadh steach 'n ad chliabh,
Nach fhaic thu gur h-aon aisinn dhiot,
A chum air ais sud riamh.
" Aidich fein an fhirinn,
Agus chi thu 'n sin mar bha,
A' mheud 's a ghabh mi shaothair rith',
Gus an caoch'leadh i ni b' fhearr;
Dh-fheuch bochdain agus beartas dh'i,
Is euslaint agus slàint',
Is ihainig mi cho fagus d'i,
'Sa bagairt leis a' bhas.
" 'Nuair a dh' fheuch mi bochdain dh'i,
'S ann ortsa chuir i 'm fat ;
'S cha mho a rinn an t-socair i
Ni b' fhosgarraich' ri each ;
Le h-euslaint' 'nuair a bhun mi rith',
'S ann frionasach a dh-fhas ;
An t-slainte bhuam cha 'n aidich i,
'S cha chreid i bhuam am bàs."
Co sin a chite tighinn,
Dol a bhruidhean ris gu teann,
Ach duine bha cruaidh chasaid
Air a' mhnaoi bu ghasd' abh' ann;
'S e 'g radh : — '"Nuair theid mi 'n taice
rith',
'S ann bhios oirr' gart a's greann,
'S 'nuair their mi chainnt a 's dealaidh
rith',
Gu 'n cuir i car 'n a ceann.
"Gur h-e trian mo dhitidh oirr',
Nach'bi i faoih'dh rium ;
Ni i'sgeig a's cnaid orm.
Gun ghair' a' tigh'nn a com ;
'Nuair bhitheas sinn 'n ar n-aonaran,
Bidh 'cainnt 's a h-aogas trom,
Ach 'n uair thig na fir gu fuirmeil,
Gheibh sinn Ò1, a's cuirm, a's fonn.
"A Fhreasdail, rinn thu seirbhe dhomh,
'S ann orm a chuir thu chuing,
"S gu 'm b' eòl dut gu 'n robh m' aimsir,
Is mo mheanmnadh air an claoidh ;
B' fhurasd' dhut 's na bliadhnaibh ud,
Mo riarachadh le mnaoi
Bhiodh ùmhail, cairdeil, rianail dhomh,
'S nach iarradh fear a chaoidh."
"Dh' fhaodainn-sa do phòsadh
Ris an t-seòrsa tha thu 'g radh,
Ach 's aonan as a' chiad dhiubh,
Bheireadh riarachadh dhut ràidh ;
An tc de 'n nadur neonach ud,
'S nach toireadh pòg gu bràth,
Aon dram no deoch cha 'n òlar leath',
'S cha dheònaich i do chàch."
Air an dara diisal dhomh,
'N deigh dùsgadh as mo shuain,
Chunnaic mi na daoine sin,
Ag sgaoileadh mach mu 'n cuairt;
'S na h-uile bean bha pòsda sin,
A' dol 'n an dùnaibh suas,
Ach 's aon tè as an fhichead dhiubh,
Bha buidheach leis na fhuair.
Labhair aon bean iunnsuicht' dhiubh,
Bu mhodha rum na each : —
"Am biadh, an deoch, 's an aodaichean,
Cha 'n fhaodainn bhi ni 's sathaicht' ;
Ach gu m' fhagail trom, neo-shunndach,
Cha 'n eòl domh pung a's dach',
Na gealltanas mo thoileachadh.
Gun choimhlionadh gu bràth.
" An duine sin tha mar rium,
Tha sior ghearan air mo shunnd,
Dhearbhainn fein air 'fhiacaill,
Ged nach d' iarr mi, nach do dhiùlt:
Bidh mòran diubh mi-reusonta,
'Nuair gheibh thu 'n sgeul gu grunnd,
Tha dùil ac' gu 'n ghluais mireag riuth'.
An spiorad nach 'eil annt'.
"'S neonach leam an dràsda 'n so,
Sior àbhaist nam fear pòsd'.
Their do ladarn' dàna,
Nach do thoirmisg aithne pòg ;
Cia mòr an diùbheas beusan
Th' eadar eucoir agus coir,
Cha 'n eòl domh aite-seasaimh,
Gun a chos air aon diubh dhò."
Chunnaic mi 's an aite sin,
Ni àbhachdach gu leoir,
Is shaoil mi gu 'm bu reuson e,
O 'n tigeadh eudach mor ;
Ciod bh' ann ach fear gun chomas,
'G iarraidh comunn tè gun choir,
'S bha fior dhroch bheachd aig ceud deth,
'S a bhean fein 'g a chur an spòrs.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence