Skip to main content

‹‹‹ prev (301)

(303) next ›››

(302)
286
e a bheatha, agus mar is còir dha bàsachadh ; a'
searmoiiachadh an t-Soisgeil do na bochdaibh, a*
slànachadh a' chridhe bhriste, a' searmonachadh saorsa
do na braighdibh, agus sealladh nan sùl do na doill,
— " Is beaimaichf iadsan a thuigeas an f huaim
aoibhneach, imichidh iad, O Thighearn! ann an
solus do ghnùise, ann ad ainm-sa ni iad gàirdeach-
as rè an là, agus ann ad f hireantachd bithidh iad
air an àrdachadh." So na smuaintean a dhùisg air
uairibh a'm' imitinn le mòr-chumhachd, » 'nuair a
chunnaic mi 'n sluagh ceudna cruinn ami an tigh
Dhe', air an robh mi 'beachdachadh le m' ùrnuigh
as an leth gu nèamh, 'nuair bha iad o chionn ghoirid
a* tarruing air an aghaidh g'a ionnsuidh. — An so.
smuainich mi, tha 'm bochd 's am beartach a' coimi-
eachadh, agus ag aideachadh le che'ile, 'nuair tha
iad cruinn, gur e an t-aon Dia a clu'uthaich iad uile ;
gu bheil iad uile teachd suas air an aon chàirdeas, agus
gur h-e'n t-aon Dia a tha freasdal d'an uireasbhuidh
aimsireil agus spioradail fa leth, — agus air a'
mhodh cheudna coinnichidli iad f hathast san uaigh,
àite-còmlmuidh an àird agus an losail, — agus aon
uair eile, aig cathair-bhreitheanais Chriosd, coinnich-
idh an t-iomlan a cheile, cliiun faotainn o Dhia a
reii*"s mar rinn iad anns a 'cholainn, co dliiùbh bha
e math no olc. — Nach dlù-cheangailte ri che'ile ann
an eachdraidh mliic an duine, na tri còmhailean
mòra coitchionn so, an tigh-aoraidh, tigh cumhang
dorcha a' bhàis, agus an tigh nacli do thogadh le
làmliaibh, siorruidh anns na niamhaibh ? — Na deal-
aicheamaid iad o cheile 'n ar smuaintibh, ach coimh-
ideamaid iad ann an ceangal naomh agus tarbhach
ami an uaigneas ar cridheachaibh 1 Mar sin bithidh
ar coimlithionail-aoraidh air talamh 'nan co-shamh-
ladh air làn choimhthional coitchionn agus eaglais
nan ceud-ghin, a tha sgriobhta ann anjièamh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence