Skip to main content

‹‹‹ prev (188)

(190) next ›››

(189)
173
'S ma thaisbeanas e 'ghnùis 'an gruaim,
Grad sgaoilidh uamhunn feadh nan speur :
Roimh 'achmliasansa teichidli 'n cuan,
'S le geilt-chrith gluaisidh 'n cruinne-ce.
Ta obair nàduir 'searg 's a' fàs,
O chaochladli tha'd gu caochladli ruith ;
Ach'uile thionnsgans'tha'd 'nan aon,
Gun trao'dh no rionadli air a Bhith.
'Nuair chuala neo-ni guth a bheòil,
Ghrad leum 'na bith a' chruitheachd mhòr,
An cruinne so le 'uile làn,
'S na nèamha àrd le'n uile shlòigh.
'N sin dhearc air 'oibrichibh gu le'ir,
'S gach creutair bheannaich e 'nan staid ,-
'S cha d' f heum ath-leasachadh air ni
Am measg a ghnlomharaibh air fad.
xA.ir clàr a dhearn' tha dol mu'n cuairt
Gach reull a ghluaiseas anns an speur ;
An cruthach' gu leir tha stigh 'na ghlaic,
'S a' deanamh taic d'a ghàirdean treun.
Co chuairticheas do Bhith a Dhe?
An doimline shluig gach reusan suas ;
'Xan oidheirpibh tha aingil 's daoin'
Mar shligibh maoraich 'glacadh 'chuain.
O bhith-bhuantachd tha thus' a' d' righ,
'S cha'n'eil san t-saoghal ach ni o'n de ;
O's beag an eachdraidh chualas diot,
'S cha mhjr do d' ghniomh a tha fo'n ghre'in.
Ged thionndadh 'ghrian gu neo ni ris,
'S gach ni fa chuairt a soluis mhòir ;
P 3

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence