Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
131
a' srathadh a stigh do'n chuan, agus a' tarraing leo
anabas gach baile-mhòir agns gach ni a dliùisgeadh
eiislainte no tinneas, agiis a tha 'sioladh gu iochdar
a' chuain. Chum uisgeachan a' chuain a chumail
air ghluasad, tha sruthan air an òrduchadh le Dia,
trid am bheil an cuan a' tràghadli 's a' lionadh dà
uair anns na ceithir uairibh fichead. Cha'n'eil
teagarah nach e cumhachd dhUh-thàirngeach na
Gealaiche am meadhon tre 'm bheil na sruthan
feumail so air an toirt mu'n cuairt. Tha sruth-
reothairt ann ri mùghadh agus àirde na gealaicli',
agus contraigh eadar an dà àm sin. Tha aobhar
taing aig an t-saoghal gu bheil iad mar so air an
riaghladh, agus fo smachd. Anns a' chuan, tha
saoghal ùr làn iongantais againn, amis am bheil
anabharra do bheò-chreutairibh nach urrainnear
àireamli ; agus cuid diubh co mòr 's nach 'eil air
tir-mòr na dh'fheudar a choimeas riu. Tlia cuid
do mhuca-mara tha ceud troidh ah fad, agus their-
ear gum mair iad beò còrr agus ceud bliadhna ;
agus, ma chreidear daoine teisteil, tha beathaich-
ean eile ann a's mò gu mòr na iad sin. Cha bu
leabhar beag a chumadh ainm, coltas, agus àireamh
na tlia aithnichte dhiubh, a bhàrr air creutairibh
ùra tha iad a' faotainn a mach o àm gu h-àm. Cia
glòrmhor cumhachd agus gliocas an De sin a
chruthaich an cuan 's na bheil ann ! Is mòr am
feum a tha'n cuan a' deanamh do'n t-saoghal : mur
bhith e, cha bhiodh uisge agaùni, no uillt, no
aibhnichean, no taisealachd, no drùchd, no fionn-
achd. 'S ann o'n fhairge tha gach drùchd uisge 'g
ènidh : tha e air a dheothal suas do na neòil le
teas na grèine, 's a' braonadh a ris air ais air an
talandi. Nam biodh an cuan ni bu lugha na tha
e, b' e'iginn gu'm biodh barrachd mòr do'n t-saoghal
'na fhàsach aimrid, gun fhàs gun chinneas. 'S ann
trid farsuingeachd a' chuain a tha rìoghachdan
iomallach an domhain a' cumail suas eòlas agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence