Skip to main content

‹‹‹ prev (144)

(146) next ›››

(145)
129
againn ri sochairibh ro-chomharaichte sm an Spior-
aid Naoimh, a neartaich na ceud Chriosduidliean
gu ùrnuigh a dheanamh ann an cainnt air an robh
iad aineolach, no a sheòl doibh gach focal a ghnàth-
aicheadh iad. Ach tha 'n Spiorad Naomh a' buil-
eachadh nan gràsan sin, eadhon gràdh, eagal, dòchas,
agus gàirdeachas a bhuineas do 'n dleasnas so, a'
brosnuchadh tograidli naomlia a dhùisgeas naomh-
dhòchas, agus a dh' oibricheas mianna naomh ann-
ainn : tha iad, tha dearbh-chinnt againn, gu minic
ag aomadh ar n-inntinn chum ùrnuigh a chur suas,
agus a' deanamh còmhnadh leinn ann an ùrnuigh,
a' toirt duinn barailean soilleii', deas-labhairt, agus
dànachd iriosal : agus tha 'n còmhnadh so glan-shaor
o, agus fada os ceami, a' chòmlmaidh choitchionn
sin a tha freasdal De' a' buileachadh air daoinibh
am bitheantas, chum gu'n coi'lion iad gniomliarra
eagsamliuil na beatha so.
Nach sòlasach an nì gu bheil gealladh soilleir
agaimi gu 'n toir ar n-Athair nèamhaidh a Spiorad
Naomh dhoibhsan a dh' iarras air e ! Cha 'n ion
duibh uime sin, eagal a bhi oirbh, ge b'e air bith
co neo-shùnndach, mharbhanta, no fhionnar 'sa tha
bhur cridhe, gu cur mu thimchioU an dleasnais so.
larraibh, agus feudaidh sibh làn-fhiuthair a bhi
agaibh gum faigh sibh na h-uiread chòmhnaidh
o'n Spiorad a chuidicheas sibh, 's a bheir air 'ur n-
aghaidh sibh 'nur n-uile airc. Bithibh, uime sin,
cùramach ann an leughadh bhur BìobuiU, aim an
teachd chum Cliriosd, agus ann an asKichadh gu
dùrachdach tiodlilac a Spioraid. Ma b' àill leibh
saoibhireachd do chumhachd so an Spioraid fhaot-
ainn, caithibh 'ur beatha ann an taic r'ur Slùnuigh-
ear aig am bheil e r'a phàirteacliadh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence