Skip to main content

‹‹‹ prev (132)

(134) next ›››

(133)
117
aii anama ri Dia trid Chriosd ; agus mur 'eil ar
caiiint a' cur an cèill iarrtuis agus imcheist a'
chridhe, cha'n ùrnuigh tha sinn a' deanamh, cha'n
airidh e air an ainm. Mur 'eil an cridhe 's an inn-
timi an sàs, cha'n*eil ann an ìobairt na h-ùrnuigh
ach amaideachd fhaoin, fanaid ladurna air mòral-
achd an Ti a's ùirde. 'S fhurasda fhaicinn uaithe
so gur h-i sin an ùrnuigh a's taitniche anns am mò
am bheil an cridhe air a tharruing a mach a dh'
ionnsuidh Dhè, air a bhlàthachadh le gràdh agus
taingealachd dha ; agus air 'ardachadh le bhi
'cuimhneachadh air cionfàth na misnich a tha aige
ann an Criosd gu teachd le dànachd naomh chum
caithir nan gràs. Feudar an ùrnuigh so a dhean-
amh gun aon tliocal a ghncithachadh ,- tha cainnt
aig a' chridhe a thuigeas Dia, 'nuair nach comasach
a lànaclid aithris : 'nuair a dh'f heumar an gearan
bochd a dheanamli ann an osnaichibh le deuraibh
goirt.
'Se Dia cuspaù' an fhior aoraidh ; 's ann
dàsan is cubhaidh do gach glùn lùbadh, agus do
gach beul aidmheil a dheanamh. 'S esan lEHO-
BHAH, agus 'na làthair 's eiginn do gach neach
teachd. Ach 'nuair tha sinn ag ràdh gur h-ann ri
Dia amhàin a tha ùrnuigh r'a toirt suas, is feumail
dhuinn a chuimhneachadh gu bheil tri pearsaidh
anns an Diadhachd, an t-Athair, am Mac, agus an
Spiorad Naomli, an triùir sin gur aon Dia iad, ion-
ann ann an nàdur, coimeas ann an cumliaclid agus
ann an glòir. Tha aoradh agus urram dligheach
do gach pearsa san Trionaid uile-bheannaichte, gun
an eadar-dhealachadh 'nar n-inntinn ; ach ar cridhe
thogail d'an ionnsuidh mar an t-aon Dia beò fior.
'S gann a ruigear a leas a dhearbhadh giu: i
ùrnuigh a dheanamh dleasnas an duine ; tha solus
nàduir fe'in a' teagasg so ; tha 'n dleasnas so air a
dheargadh air clàr cridhe mhic an duine le meur
diomhair an Uile-chumhachdaich, air chor's gur

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence