Skip to main content

‹‹‹ prev (288)

(290) next ›››

(289)
271
Aiseirigh Chriosd.
B'i sin staid àrd luchd-riaghlaidh nan ludhach,
agus dheisciobul Chriosd, agus is ann mar sin a bha
gach ni ann an lerusalem, am feadh 's a bha Ceann-
ard an slàinte 'na luidhe ann an sàmhchair na h-
uaighe. 'S an àm sin cha b' iad na saighdearan
Romhanach amhàin a bha 'nam freiceadan air an
uaigh ; bha feachd nèimh fo ghkiasad : dh'eideadh
armailte nam fhlaitheas a dhìon a chuirp naomha.
Bha gach uidheamachadh a nis air a dheanamh san
dà shaoghal, agus gach ni deas air son an àm san
robh gàirdein an Tighearna ri bhi air 'f hoillseach-
adh. ])à uaìr chaidh a' ghrian fodha air an t-saoghal,
agus bha gach ni fathast sàmhach aig an uaigh.
Bhuadhaich am bàs air Mac Dhe'. Gu ciùin,
tosdach chaidh an ùine seachad. Bha na saigh-
dearan gu furachair a' faireadh : dheàlraich gath-
an na gealaiche mu mlieadhon-oidhche air an
clogaidibh-cinn agus air an airm-chatha. Rinn
naimhdean Chriosd uaill : bha gach ni mar a b'àill
leo; thuit cridheachan a chairdean fo dhiobhail mis-
nich agus fo bhròn ; bha spiorada na glòire a' feith-
eamh gu h-iomaguineach, a' toirt fainear do na bha
tachairt, agus a' smuainteachadh le mòr-iongantas
air doimhneachd dòighibh an Tighearna. Faidh-
eòidh, dli'e'irich reult na maidne san àird-an-ear, a'
toirt sanuis do'n t-saoghal gu'n robh 'n solus a' dlùth-
achadh; bha fàire an treas là a' bristeadh, 'nuair gu
h-obann a chriothnaich an talamh, eadhon gu
'mheadhon j agus bha cumhachda nan nèamh air an
gluasad : thàinig aingeal De' a nuas ; chlisg na saighd-
earan air an ais roimhe le uamlias; agus thuit iad
sios gu làr : '^ Bha 'ghnùis mar an dealanach, agus
'e'ideadh geal mar an sneachda ;" charaich e air falbh
an leachd o bheul na h-uaiglie, agus shuidh e oirre.
Ach cò esan a tha mar so a' teaclid a nìos o'n uaigh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence