Skip to main content

‹‹‹ prev (287)

(289) next ›››

(288)
270
an dorchadas na h-oidhche, sibh fein a cheasnachadh
do thaobh so? An do chuir sibh a' cheisd sin
dachaidh chum 'iir cridheachaibh, 'Bheil mise ann
an Criosd? Tha fios agaibh gn bheil 'ur sonas
siorruidh an earbsa air an fhreagairt a's urradh
dhuibh a thoirt do'n cheisd so. Tha latha nan gràs
a' dol seachad — na bithibh ann an aineolas ni's faide
— iarraibh an Tighearna 'm feadh a ta e r'a f haot-
ainn — gairmibh air am feadh a ta e dlùth; agus
chum misneach thoirt dhuibli, ìnnseam dhuibh le
barantas, nach h-iarr sibh e gun 'f haotainn. Eisdibh
a ghuth : " Esan a thig a m'ionnsuidh, cha chuir mi
air chor sam bitli cùl ris."
Sibhse ta ann an Criosd, bithibh taingeil. Aon
uair bha sibh fad' air falbh, a nis tha sibh dlùth;
roimhe so bha sibh 'nur coigrich, ach cha'n'eil sibli
'nur coigrich ni's faide. Rinn Dia nithe mòra air
'ur son, deanadh sibhse na dh'fheudas sibh chum
'ainm a ghlòrachadh an làthair an t-saoghail. Gràdh-
aichibh e, agus bithidh e mar dheoch agus mar bhiadh
dhuibh a thoil a dheanamh. Esan a ta ann an
Criosd, feudaibh e an laoidh mhilis so a thogail air
slighe a tlmi'uis.
O lochd, o chunnart dionaidh Criosd j
Mo choimhead ni gach uair ;
'S gu tèaruint' m' anam treòraichidh
Gu riogh'chd na glòire shuas.
Bheir mi le còmhnadh treun mo Thriath.
Dùlan do ifrinn fein ;
Is dha-san gu robli glMr an-àrd
Is cliù gu bràth. Amen I

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence