Skip to main content

‹‹‹ prev (282)

(284) next ›››

(283)
265
dhoihh a bhi ni hu tèariiinte ged rohh iad a steach
ann an nèamh. Cha d' ràinig hraon do'n dile mhòir
iad, no aon de'ur do na tonnaibh uaibhreach atmhor a
bha 'beucaich mu'n cuairt doibh. Thairis air na cuan-
taibh mòra shnàmh Noah's a theaghlach gu tèaruinte
seasgair, gun iomaguin, gun eagal, aig an àm am fac'
e am bogha-frois anns an speur, an d' amhairc e
'mach 's am fac' e gu'n robh aghaidh na talmhainn
tioram. Cha robh dòigh tciaruinteachd eile ann.
Cha deanadh snàmh feum, agus bàta no eithear
cumanta, cha deanadh iad cùis. Cha robh stà
teicheadh chum nam beanntaibh no mullach nan
sle'ibhtibh corrach ; chòmhdaich na h-uisgeachan
eadhon àirde am mullaichean. Bha sgrios agus
milleadh agus bàs air gach làimh ; ach cha robh ann
ach aon mheadhon tèaruinteachd. Uime sin a h-uile
h-aon a rimi dearmad air an dòigh thèaruinteachd
sin, chailleadh iad amis na tuiltibh mòra. Agus ni
mò bheil tèaruinteachd do dh' anam ach ami an
Criosd ; oir ni bheil ainm eile air a thoirt seachad
air nèamh no air talamh trid am feud neach a bhi
air a thèarnadh, ach ainm Chriosd. *' Is mise," deir
e fèin, " an t-slighe, agus an f hirinn, agus a' bheatha :
cha tig aon neach chum an Athar ach tromham-sa."
A rithist : Tha'n Criosduidh ann an Criosd mar
bha fear dòrtadh na fola fo'n lagh ann am baile na
didein. An duine a mharbhadh fear eile le tuiteamas
gun droch rùn, agus ah' an robh eagal gu'n leanadh
dioghaltair na fola e, cha robh aige ach teicheadh
chum a h-aon do na bailtibh dìdein ; agus co hiath 's
a gheibheadh e stigh air geata a' bliaile sin, bha e
tèaruinte. Bha na bailte-dìdein so air an suidheach-
adh air àit' àrd folluiseach, a chlte fad' air astar.
Bha an t-slighe chum a' bhaile so air a deasachadh,
air a deanamh reidh, còmhnard; agus 'nuair bha
cunnart air bith gu'n rachadh an duine truagh a
bha 'teicheadh d'a ionnsuidh, air seacharan, bha clach
àrd air a cur suas aig taobh na slighe a' cuimseach-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence