Skip to main content

‹‹‹ prev (281)

(283) next ›››

(282)
264
Cdirdeas agns an dàimli tha fillte steach fo na briath-
laibh so. 'S lionmlior iad a tha fo ainm agus fo
aidmheil a' chreidimh Chriosduidh, nach ^eil ann an
Criosd. Feudar a bhi ann an Criosd tre aidmheil
agus do reir coltais, agus gidheadh a bhi mar ghe'ug
neo-thorach, agus an deigh bàis a bhi caillte. Cha'n
ann mar so dhoibhsan mu'm bheil e fein a cantaiim,
" Bheir mise dhoibh a' bheatha shiorruidh ; cha
bhàsaich iad gu bràth, ni mò a's urradh neach air
bith an spionadh as mo làimh." Ach cia mar tha
duine ann an Criosd ? Tha sinn ami an Criosd mar
tha sinn ann an xVdhamh — " x\nn an Adhamh tha
gach aon a' bàsachadh : mar sin ann an Criosd
bithidh gach aon air an deanamh beò.'' O Adhamh
tha againn ar ceud blieatha nàdurra, agus o Chriosd
tha againn ar beatha spioradail. Ann an Adhamh
thuit sinn ; trid Chriosd èiridli sinn a rithist : oir
tre eas-umhlachd an dara h-aon rinneadh mòran
'nam peacaich, ach tre ùmhlachd an aoin eile nithear
mòran 'nam f ireanaibh, mar chi sibh ann an Rom. v.
19. Tre Adhamh rioghaich am peacadh, Rom. v.
21. " An ceud duine o'n talamh, talmhaidh : an dara
duine, an Tighearn o nòamh. Mar an duine talmh-
aidh, is amhuil sin iadsan a tha talmhaidh : agus
mar a ta an duine nèamhaidh, is ann mar sin iadsan
a ta nèamhaidh. Agus mar a ghiidain sinn iomh-
aigh an duine thalmhaidh; giùlainidh simi mar an
ceudna ìomhaigh an duine nèamhaidli," 1 Cor. xv.
47 — 49. Nis tha'n Criosduidh ann an Criosd
mar bha Xoah san àirc. Bha an àirc 'na samhladh
air Criosd. Bha dile na tuile tighinn air an t-
saoghal, agus bha Noah agus a theaghlach ami an
cunnart mar bha muinntir an t-saoghail gu h-uile ;
ach thtarnadh iad : cha d' e'irich lochd no beud
dhoibh, a chionn gu'n d'rinn iad mar dh'aithn Dia
dhoibh. Thairgeadh tèaruinteachd, agus ghabh iad
an tairgse. Dh'iarr iad fasgadh an àm ; chaidh iad
a stigh agus dhruid Dia suas iad, agus cha b' urradh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence