Skip to main content

‹‹‹ prev (136)

(138) next ›››

(137)
119
cliiim sìth agus suaimhneas fhaotainn ann an uaig-
neas na h-ùrnuigh. Is iomad oidhche 'chuir esan
seachad a muigh air an t-sHabh, ann an diomhair-
eachd naomh, a' conaltradh r'a Athair nèamhaidh,
^' Dh' e'irich e," deir Marcus, " sa' mhaduinn fada
roimh latha ; chaidh e mach, dh' imich e gu àite
fùsail, agus ann an sin rinn e ùrnuigh." Ma ghabh-
as sinn ris mar ar Tighearna agus ar Maighstir,
oidheirpicheamaid gluasad mar rinn esan, agus
ùrnuigh a dheanamh mar sheòl e.
Ach 's bochd cor an dume sin, agus is aobhar-
truais e gu dearbh, air an imirear ùrnuigh a sparr-
adh mar a dlileasnas ; oir 's i ùmuigh an t-socliair
a's àirde 's urrainn do'n Chriosduidh a bhos an so
a sliealbhachadh ; oir is i so a' chuibhrionn a's
àirde d'a shonas, do bhrigh gu bheil i 'ga tharruing
dlùth do Dhia, agus 'ga chùramli ann an co'-cho-
munn spioradail maille ris. Is sochair so blia air a
ceannach gu daor le fuil Chriosd ; is soirbh o sin a
thuigsinn cia luachmhor 's a tlia i ; oir is i so an
saorsa cloinne leis am bheil a hichd-leanmhuinn air
am fcvgail comasach air teachd dlùth dha. So
sochair a chaill na h-anama truagha sin a tlia anu
an ionad na dòruinn ; cha'n'eil comas aca teachd a
dh' ionnsuidh Dhe', agus a chaoidh cha 'n èisdear
an gearan boclid. Agus an e gu'n dean sinne
dearmad air an t-sochair a's prìseala tha againn air
an taobh so 'n uaigh.
LAOIDH NA H-URNUIGH.
'S i ùmuigh iarratas nan naomh,
'S am bheil an de'igh 's an tlachd ;
Fadadh an teine dhìomhair ghràis
Tha lasadla anns an uchd.
'S i ùmuigh suim na h-osna bhròin ;
'S i ùrnuigh drùchd nan deur.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence