Skip to main content

‹‹‹ prev (135)

(137) next ›››

(136)
118
doirbh a dhubhadh a mach. Ma's iad na Cinnich
a tha aineolach air an Dia bheò, ma 's iad na h-
Innseanaicli fliiadhaich a tha siubhal gii lom
rùisgte tre choiUtibh fàs, teichidh iadsan an àm
gàbhaidh a dh' ionnsuidh an diathan breige. Tha
sinn am barail nach deachaidh aon neach riamh
troimh 'n t-saoghal so, ge b'e air bith co dall
aindiadhaidh 's a bha e, nacli do choinnich nì-eigin
uair no uair-eigin, a thug air ùrnuigh a chur suas,
Ach cha'n'eil sinn air ar fàgail ann an taice ri solus
nàduir ann an cùis co cudthromach. Gun tighinn
air gach dàimh anns am bheil Dia a' seasamh do
thaobh dhaoine, a tha leigeil ris duinn co dleasnach
's a tha ùrnuigh, tha so air 'àithneadh dhuinn anns
a' chainnt a's làidiie agus a's soiileire ann am focal
De. Do thaobh so feudar gu firinneach a ràdh, gu
bheil àithne againn air àithne, rann air roinn, beag-
an an sud agus beagan an so, chum 'à nach biomaid
ann an amharus mu tliimchioll ni ris am bheil ar
sonas siorruidh co mòr an earbsa. Bu diomhain a
chomliarachadh a mach gacli earrann anns am bheil
so air 'àithneadh. " larraibh," deir Criosd, " agus
bheirear dhuibli ; siribh agus gheibh sibh ; buailibh
an dorus agus fosglar dhuibh e." — '' Deanaibh
ùi'nuigh," deir an t-abstol Pòl, " anns gach àite a'
togail suas làmha naomh, gTin fheirg gun amharus."
Tha'n dleasnas so air a sparradli oirnn le eisimpleir
nan daoine matha, a thug gràdli do Dhia anns gach
linn do'n t-saoghal j bha abstoil Chriosd seasmhach,
dùrachdach san dleasnas so ; aim an lìonmhoireachd
an saoithreach agus meud am fulangais, cha d'iarr
iad riamh leisgeul a ghabhail gu dearmad a dhean-
amh air iirnuigh. Bha fios aca as eugmhais so,
gu'm biodli an saothair gun bhuaidli agus am
fulangas gun bhuannachd. Ach tha eisimpleir
Chriosd a' sparradh an dleasnais so oirnn air an
dòigh a's cudthromaiche. 'S tric a thàr esan air
falbh o ùinich dhaoinibh agus o othail an t-saoghail,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence