Skip to main content

‹‹‹ prev (75)

(77) next ›››

(76)
58
cuimhne shiorruidh fa chomhair Dhe. 'Se so a
choisneas an cliù nach searg. Cha'n'cil gacli
cuimhne thalmhaidh ach gèarr : bithidh gach
teanga a' luaidheas ar cliù ann an latlia no dhà,
balbh. Na litrichean a tha air an gearradh air a'
chloich is buaine, no air an deargadh le peaim iar-
uinn air a' chraig is maireannaiche, ami an linn no
dhà, cha bhi ann an comas na sùl a's geire an leuglj-
adh : tuitidh an leac 'na smùr, agus fàihiichidh a'
chreag fein ; ach cHli agus ainm nan naomh, a
chaoidh cha chaochail.
'Nan luidhe sa' chladh so, 's cinnteach mi gu bheil
mòran a bha suarrach m'a cheile fhad 's a bha iad
beà; seadh, a bha a' comh-stri 's a' cath an agliaidh a
che'ile ; cinn-fheadna tlireu ', le'n ceatharnaich
ghaisgeil, a sheas air an aon bhlàr-chatha, agus
theagamh a thuit le claidheamh nan ceart dhaoin' a
tha nis 'nan hiidhe san ùir r'an taobh. 'S i so, gu
deimhin, thubhairt mi, Tir na dì-chuimhn\ far nach
'eil othail no stri. Ma bha leapaichean na h-
uaighe riamli tosdach, samhach, 's ann an uaigncas
fàsail lona !
Tha lag a's làidir, beag a's mòr,
Co'-shinte 'n so le cheil' ;
Tha naimhdean sàmhach taobh ri taobh,
Is luchd na comh-stri reidh.
Co'-ionann coidlidh iad air fad,
Fo ghlasaibh teann a' bhàis,
Gu'n uair a ghairmear iad le Dia,
'Na f hianuis Li a' bhràth.
O chionn ioma linn bha 'n t eilean ainmeil so far
an robh a choilion duine naomh, agus diadhair
urramaichte, agus a cho'pàirtich sokis an t-Soisgeil
do dhùthchannaibh agus do rioghachdaibh eile, air
'fhdgail e fein gun eaglais, gun f hear-teagaisg suidh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence